A’ stèidheachadh inbhe fèin-fhiosraichidhean ruigsinneach
- Bloga
11 June 2026
List of categories for this post
Le cur air bhog na h-Inbhean Ruigsinneachd Airson Cruthachalachd is Cultair ùra, tha Anndra Miller, Riochdaire Ruigsinneachd Ealain na RA, a’ meòrachadh air carson a tha ruigsinneachd cunbhalach cudromach agus ciamar a dh’atharraicheas All In cùisean do luchd-amhairc le ciorraman.
“As dèidh bliadhnaichean de dh’obair leasachaidh, tha All In, an sgeama ruigsinneachd ùr airson cruthachalachd is cultar san RA agus Èirinn, fosgailte airson obair mu dheireadh thall. Is e seo mòmaid de thogail, agus bha mi fhìn a’ coiteachadh airson an seo a’ mhòr-chuid de na deich bliadhna a chaidh seachad.
Airson daoine le ciorraman, is e a tha ann an All In sgeama ballrachd airson cur às do chnapan-starraidh, ga dhèanamh nas fhasa tiocaidean fhaighinn agus ag amas air cùisean a dhèanamh nas fheàrr dhuinn air tachartasan agus làraichean cruthachail agus cultarach.
Dhan raon chultarach, is e All In prògram atharrachaidh pàighte fo-sgrìobhaidh ga chruthachadh le na 5 comhairlean ealain RA is Èireannach a tha ag amas air piseach a thoirt ruigsinneachd ann an dòigh chunbhalach agus gu h-àraid gus fàs a thoirt air àireamh luchd-amhairc le ciorraman.
Tha cothrom air cultar san RA air tighinn gu buil ann an dòigh mean air mean agus gu neo-chunbhalach. Agus do dhaoine le ciorram dem shamhail-sa chan eil cunbhalachd ann. Cha deach deagh dhòighean-obrach, far a bheil an leithid ann, a nochdadh gu h-èifeachdach agus gu math tric fuilingidh daoine le ciorraman le leth-bhreith is droch sheirbheis. Mar a chunnaic mi fad mo bheatha a’ frithealadh thachartasan cultarail – tha mi air a bhith a’ ceannach thiocaidean ruigsinneach airson 40 bliadhna – tha an dìth cunbhalachd seo gu tric a’ tionndaidh rud a bu chòir a bhith tlachdmhor gu rud duilich agus sàrachail. Sin as coireach gum feum sinn All In.
“Tha mi deimhinnte gur e seo an ath ìre de ruigsinneachd.”
Fad 2025, bha sgeama pìleat All In ann an Leeds far an deach ar n-Inbhean Ruigsinneachd ùr-ghnàthach airson Cruthachalachd agus Cultar a dhearbhadh san fhìor shaoghal le buidhnean bho air feadh nan ealain: Leeds Playhouse, Taighean-tasgaidh is Gailearaidhean Leeds, Leeds Heritage Theatres agus Opera North.
Bha na ionnsaich sinn bho na companaidhean sin fìor chudromach. Thuirt Wendy Cook, Ceanard Film aig Hyde Park Picture House, “Tha na h-Inbhean Ruigsinneachd a’ foillseachadh cairt-iùil feumail a chuidich sinn mar-thà gus na h-ath cheumannan a chomharrachadh a dh’fheumas sinn a ghabhail a-màireach, sa bhliadhna a tha romhainn, agus san ath dheich bliadhna gus ar buidheann a dhèanamh fosgailte dha-rìreabh do na h-uile.”
Seo eisimpleir de mar a rinneadh Inbhean All In gus am bi e nas fhasa piseach a thoirt air na dh’fhiosraicheas daoine ciorramach. Is dòcha gun toir cuid de na h-atharraichidhean nas motha barrachd tìde – is ann mu dheidhinn adhartas a dhèanamh a tha ruigsinneachd aig a’ cheann thall – ach bidh cuid de dh’atharrachaidhean gu math luath a chuir an sàs, agus bheir iad buaidh luath do luchd-tadhail le ciorraman. Gu simplidh, faodaidh gabhail ris na h-Inbhean againn an diofar a dhèanamh eadar neach co-dhùnadh a thighinn no tionndaidh air falbh: eadar deagh fhèin-fhiosrachadh fàilteachail no teicheadh mì-riaraichte.
Tha ar sgioba gu math dìorrasach mu chomas nan Inbhean an roinn chultarach, is tuilleadh, atharrachadh. Air an cruthachadh ann an co-obrachadh leis a’ bhuidheann ealain ciorramach Attitude is Everything, thugadh cumadh orra le eòlas beatha agus le buidhnean de gach meud gus dèanamh cinnteach gu bheil an stiùireadh practaigeach, eagraichte aca ag obair dha na h-uile.
Tha ceithir Cinn Àbhaisteach ann, le 94 Inbhean air leth nan cois uile gu lèir. Is iad na ceithir cinn: conaltradh didseatach, fèin-fhiosraichidhean cruthachail is cultarach, seirbheisean luchd-cleachdaidh, agus an àrainneachd togte. Tha iad a’ gabhail a-steach gach nì eadar pàirceadh le Bràiste Ghorm is na chì daoine anns an talla, eadar cothrom do luchd-ealain le ciorram agus fèin-fhiosraichidhean ruigsinneachd bogaidh.
Tha gach Inbhe ga nochdadh ann am foir-shealladh, le eisimpleirean pragtaigeach de chleachdadh ceart, prìomh phuingean le mòran fiosrachadh chudromach, mìneachadh air a’ bhriathrachas, agus iomraidhean cuideachail bhon taobh a-muigh.
Ged a tha sinn den bheachd gu bheil na h-Inbhean a’ tabhann buannachdan mòra do bhuidheann a tha a’ smaoineachadh air fo-sgrìobhadh, tha cuideachd an cois All In: clàr de bhuidhnean taic ruigsinneachd agus co-chomhairlichean, prògram làn thaic is leasachaidh sgilean, stòr-dàta mòr de thaisbeantasan ruigsinneach bho air feadh làraichean ar luchd-cleachdaidh uile agus fiosrachadh mu luchd-amhairc.
Bidh dà roghainn mu choinneamh bhuidhnean, All In Essentials – a gheibhear an-dràsta agus All In Plus – a thig a-mach as t-samhradh. Dè an diofar a tha eatorra?
Tha All In Essentials dìreach math do bhuidhnean a tha ag iarraidh piseach a thoirt air an cuid ruigsinneachd is eòlas ach nach eil an eisimeil siostaman tiocaid no oifisean glèidhidh, leithid cuid de thaighean-tasgaidh is gailearaidhean. Tha All In Plus a’ cur ris feartan didseatach airson piseach a thoirt air pròiseasan clàrachaidh thiocaidean, ga dhèanamh nas fhasa do luchd-cleachdaidh le ciorram na feumalachdan ruigsinneachd aca innse agus tiocaidean a cheannach. Obraichidh All In Plus leis na siostaman tiocaid Action Links, Spektrix, Ticket Solve agus Tessitura. Innsear mu shiostaman eadar-obrachadh eile fhathast.
Bidh All In ag obair gu cunbhalach ann an Sasainn as t-samhradh, leis a’ Chuimrigh, Èirinn, Èirinn a Tuath agus Alba às an dèidh. Bha sinn air leth toilichte Tasgadh-airgid Co-obrachaidh Cultarail RA-Èireann 2030 fhaighinn, a leigeas leinn a’ chiad cho-labhairt ruigsinneachd againn a chumail ann an 2028 agus ar n-obair a leudachadh thar nan còig dùthchannan.
Is e All In goireas atharrachail ùr don roinn chulturach a nochdas slighe gus fàs a thoirt air àireamh luchd-coimhid is luchd-tadhail le ciorram. Agus tha fadachd orm gus am faic mi mar a bhios ar n-Inbhean a’ leagail cnapan-starraidh a chumas feadhainn le ciorram bho na h-ealain is cultar, an toiseach ann an Sasainn agus fhathast am-bliadhna air feadh na RA is Èirinn.
Tha mi deimhinnte gur e seo an ath ìre de ruigsinneachd.
Fàilte gu All In.”