Tha fàilte air a h-uile duine

Ceistean Cumanta

Rannsaich Goireasan Roinn

A bheil ceist agad? Is dòcha gu bheil sinn air freagairt a thoirt dha mu thràth. Thoir sùil air na ceistean cumanta againn gu h-ìosal.

Dè seòrsa feumalachdan ruigsinneach a bhios All Ina’ gabhail a-steach?

Tha sinn ag obair còmhla ris an roinn chruthachail is chultarail gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air an raon de thairgsean ruigsinneachd a tha rim faighinn. Tha fios againn gu bheil diofar chnapan-starra aig daoine ciorramach. Dh’fhaodadh na cnapan-starra seo a bhith a thaobh beachd, connaltradh, cùisean chorporra, sòisealta no ceangailte ri modhan-obrach. Tha sinn ag amas air taic a thoirt do bhuidhnean gus a h-uile cnap-starra neo-chuideachail a tha taobh a-staih an smachd a thoirt air falbh.

Mar neach le feumalachdan ruigsinneachd, dè an cosg a bhios ann a bhith na bhall de All In?

Bidh ballrachd All In saor an asgaidh airson daoine B/bodhar, ciorramach agus niùro-iomsgarach.

Dè seòrsa buidhnean a gheibh taic bho All In?

Tha ar prìomh fòcas timcheall air taighean-cluiche, taighean-tasgaidh, gailearaidhean, ionadan ealain, taihean-dhealbh, ionadan ciùil, fèisean agus leabharlannan.

Ach, thèid All In a dhealbhachadh airson sreath fharsaing de bhuidhnean chruthachail agus chultarail. Gheibh buidheann sam bith a dh’fheumas tuigse fhaighinn air feumalachdan ruigsinneach an luchd-èisteachd aca gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ tabhann an fhàilte as fhèarr a tha comasach buannachd bho fo-sgrìobhadh do All In.

Dè an cuideachadh a gheibh sinn ann a bhith a’ mìneachadh All In don luchd-ceannach againn?

Bidh sinn a’ leasachadh taic, trèanadh agus goireasan gus do fhèin agus don luchd-obrach agad chuideachadh All In a thuigsinn.

Nuair a bhios sinn nas fhaisge air an sgeama a chuir air bhog don mhòr-shluagh, cuiridh sinn a-mach pasganan margaidheachd a chuidicheas tu gus an sgeama a mhìneachadh don luchd-ceannach agad.

Bidh mi a’ siubhal dhan RA. Am bi e comasach dhomh All In a chleachdadh?

Faodaidh duine sam bith aig a bheil feumalachdan ruigsinneachd clàradh gu All In, ge bith càite san t-saoghal anns a bheil thu. Ma tha thu an làthair aig tachartas aig aon de na buidhnean ballrachd againn san RA bidh fàilte oirbh clàradh.

Ciamar a dh’obraicheas All In le sgeamaichean inntrigidh a th’ ann mar-thà neo solarachaidhean inntrigidh eile?

Tha e cudromach gun obraich sinn taobh staigh lìonradh nas fharsaing de sgeamaichean ruigsinneachd a tha ann do bhuidhnean air feadh na RA agus Èirinn. Bho ar rannsachaidhean so-dhèantachd agus rannsachadh leantainneach le feadhainn le ciorram, tuigidh sinn gum faod na sgeamaichean a bhith mì-chunbhalach, sin as coireach gu bheileas a’ cuimseachadh air uireasbhaidhean is raointean leasachaidh a chomharrachadh agus sinn a’ cumail taic ris an roinn. Bheir tòiseachadh leis a’ chiad sreath de ìrean ruigsinneachd san RA agus Èirinn cunbhalachd a tha gu mòr a dhìth do ruigsinneachd san roinn cruthachail is cultarach.

Dè tha All In a’ ciallachadh airson àm ri teachd Hynt? 

Tha sinn ag obair gu dlùth le sgioba Hynt agus ar com-pàirtichean aig Comhairle Ealain na Cuimrigh. Chan fhada gus an innis sinn naidheachd a thaobh ciamar a dh’obraicheas Hynt agus an sgeama ruigsinneachd ùr còmhla ri chèile. Chan atharraich cail an-dràsta do ionadan is luchd-cleachdaidh Hynt.

An robh daoine ciorramach an sàs ann an leasachadh All In?

Tha, tha All In air a stiùireadh le sgioba a tha air a stiùireadh le ciorram.

Bidh sinn a’ sireadh comhairle bho Bhuidheann Comhairleachaidh anns a bheil daoine D/bodhar, ciorramach agus niùro-iomsgarach. Bidh sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil ìre àrd de dheuchainnean luchd-cleachdaidh agus gnìomhachd buidhne fòcais ceangailte ris an leasachadh gu lèir. Bidh sinn cuideachd a’ frithealadh cho-labhairtean, seiminearan agus tachartasan san roinn chiorramaich gus am bi an fhios as ùire againn. Thèid All In a dhearbhadh gu cruaidh agus a leasachadh mar a thèid a sgaoileadh.

An robh ionadan agus buidhnean ealain an sàs ann an leasachadh All In?

Bha, mar a tha sinn air a bhith a’ leasachadh All In, tha sinn air rannsachadh a bharrantachadh gus na planaichean againn a dhearbhadh leis an roinn. Tha seo air leigeil leinn tuigse nas fheàrr fhaighinn air far a bheil an roinn a’ faicinn chothroman no chunnartan nar molaidhean agus far am faodadh barrachd taic a bhith a dhìth. Às deidh sin, tha sinn air Buidheann Comhairleachaidh Roinn a stèidheachadh a bhios a’ riochdachadh bhuidhnean aig diofar ìrean, àiteachan cruinn-eòlasach, agus diofar sheòrsaichean cruthachail is cultarail. Bidh iad gar cuideachadh gus na buannachdan agus na dùbhlain a thuigsinn mar a bhios All In a’ leasachadh. Bidh sinn cuideachd a’ frithealadh thachartasan, seiminearan agus cho-labhairtean mu choinneamh na roinne.

An robh solaraichean tiogaidean agus teignigeach iomchaidh eile an sàs ann an leasachadh All In?

Bha, tha sinn air a bhith ann an còmhraidhean le mòran sholaraichean tiogaidean is teignigeach a th’ ann mar-thà fhad ’s a bha iad a’ leasachadh an sgeama agus tha cumadh an sgeama air fiosrachadh fhaighinn bhon chomhairle a thug iad seachad.

Is e ar n-amas sgeama a leasachadh a bhios ag obair le uimhir de sholaraichean a tha ann mar-thà. Mar a leasaicheas sinn an teicneòlas air cùl an sgeama cumaidh sinn conaltradh fosgailte leis a’ phàirt seo den roinn againn.

Am bi e comasach dhomh gabhail ri All In às leth pàiste fo aois sia-deug?

Thèid All In a leasachadh gus leigeil le neach-dìon laghail a bhith ag obair às leth pàiste le feumalachdan ruigsinneachd. Buinidh am pròifil ruigsinneachd leis a’ phàiste, ach bidh e comasach dhut seo a riaghladh às an leth.

Aig an àm iomchaidh, bidh e comasach dhut smachd air a’ phròfil ruigsinneachd a thoirt don leanabh.

Am bi e comasach dhomh gabhail ri All In às leth inbheach so-leònte?

Thèid All In a leasachadh gus leigeil le neach-dìon laghail a bhith ag obair às leth inbheach so-leònte. Faodaidh neach-dìon laghail a bhith na bhall den teaghlach, neo ùghdarras ionadail. No is dòcha gu bheil co-luchd-dìon aig cuideigin.

Back to Top