Com-pàirteachasan Ro-innleachdail
Explore All In
Tha sinn air ar dòigh glan a bhith ag obair còmhla ri buidhnean gnìomhachais is buidhnean ballrachd a tha ris an aon amas ruinne piseach a thoirt air ruigsinneachd air feadh na roinne cruthachail is cultarail.
Cuidichidh ar Com-pàirtichean Ro-innleachdail gus All In a cheangal ri buidhnean air feadh na RA agus na h-Èireann, cuideachadh leis na h-Inbhean Ruigsinneachd a chur an sàs, agus cur ris an leasachadh leantainneach an-dràsta agus san àm ri teachd.

Seo ar Com-pàirtichean Ro-innleachdail

Association of Independent Museums
Air a stèidheachadh ann an 1977, tha Association of Independent Museums (AIM) a’ toirt seachad lìonradh airson taic is cuideachadh dha chèile, a’ sgaoileadh deagh chleachdaidhean agus a’ toirt seachad guth aonaichte airson taighean-tasgaidh neo-eisimeileach, a’ bhuidheann as motha de thaighean-tasgaidh san RA. Cuiridh na taighean-tasgaidh sin gu mòr ri math is cor choimhearsnachdan agus tha iad nam pàirt chudromach de dh’eaconomaidh turasachd na RA. San latha a tha ann, tha AIM fhathast a’ cumail taic ri agus a’ coiteachadh airson obair nan faisg air 1,100 bhall air feadh na RA. Le mar a ruigeas i air buidhnean beaga dualchais coimhearsnachd, tha àite air leth aig AIM san roinn. Tha dà thrian de a bhuill gam meas mar “thaighean-tasgaidh beaga” le nas lugha na 20,000 luchd-tadhail gach bliadhna.
Tadhail Association of Independent MuseumsFuture Arts Centres
Is e a tha ann an Future Arts Centres lìonradh nàiseanta de chòrr is 200 ionad ealain, a’ coiteachadh às leth na h-obrach cudromaich a bhios aig na h-àitichean cruthachail sin ann an coimhearsnachdan air feadh na RA. Bidh sinn a’ ceangal agus a’ cuideachadh ceannardan ionadan ealain tro ionnsachadh bho chàch a’ chèile, co-obrachadh, rannsachadh agus obair tagraidh, a’ sgaoileadh eòlais agus a’ toirt buaidh air poileasaidh gus an roinn a neartachadh. Saoilidh sinne gur e a tha ann an ionadan ealain àitichean cultarach is coimhearsnachd riatanach, a’ toirt daoine cruinn tro chruthachalachd, a’ cur taic ri coimhearsnachdan agus a’ stiùireadh atharrachadh sòisealta adhartaich. Cuidichidh ar n-obair gus dèanamh cinnteach gum fuirich ionadan ealain làidir, in-ghabhaltach agus seasmhach, an-dràsta agus san àm a tha ri teachd.
Tadhail Future Arts Centres

OutdoorArtsUK
Is e OutdoorArtsUK buidheann ballrachd agus ro-innleachdail nàiseanta a tha ag amas air a bhith a’ toirt còmhla an liuthad pàirt eadar-dhealaichte de roinn nan Ealan a-Muigh. Bidh OutdoorArtsUK a’ dèanamh fèill às an obair, comas agus buadhan ionmholta de na daoine fa leth, na companaidhean agus buidhnean a tha ag obair san t-seòrsa ealain a tha seo a tha nas ruigsinniche na seòrsaichean ealain eile.
Tadhail OutdoorArtsUK
A bheil ùidh agaibhse ann a bhith nur Com-pàirtiche Ro-innleachdail?
Le a bhith ag obair còmhla, faodaidh ar roinn piseach a thoirt air ruigsinneachd air feadh nan ealain, cultar is dualchas.
Mar Chom-pàirtiche Ro-innleachdail, faodaidh sibh:
- Na h-Inbhean Ruigsinneachd a chleachdadh gus piseach a thoirt air ur n-eòlas agus air ur ceannas
- Cur ri leasachadh leantainneach nan Inbhean
- A bhith a’ tagradh às leth agus a’ cur taic ri deagh nòsan obrach ann an ruigsinneachd
- Lasachadh de 10% airson fo-sgrìobhadh All In a tabhann dha na buill agaibh