Tha Hynt ga atharrachadh gu I Bawb / All In gu bhith na phàirt de phrògram ùr ruigsinneachd don RA is Èirinn gu lèir
- Naidheachdan
3 June 2026
List of categories for this post
Tha Hynt, sgeama adhartach ruigsinneachd na Cuimrigh dha na h-ealain, a’ tòiseachadh air linn ùr de leasachadh agus e na phàirt den iomairt chliùmhor bhrosnachail don RA is Èirinn All In, a choisinn duaisean, agus a rinneadh le cothromachd do chiorram aig a’ chridhe agus le rùn piseach a thoirt air ruigsinneachd air na h-ealain is ionadan chultarach.
Nochd rannsachadh don RA gu lèir a dh’fhoillsicheadh san Rannsachadh-beachd Ruigsinneachd air Cultar 2025, gun robh tàir aig gach 7 a-mach à 10 de dhaoine le ciorraman fiosrachadh ruigsinneachd fhaighinn, gu bheil 9 uiread nas dualtaiche trioblaid a bhith aca tiocaidean a ghlèidheadh air-loidhne, agus gu bheil dìth earbsa aig 2 às gach 5 luchd-tadhail le ciorraman gum fiosraichear am feumalachdan ruigsinneachd.
A’ tòiseachadh as t-fhoghar 2026, gluaisidh sgeama Hynt fo stiùir Comhairle Ealain na Cuimrigh, air a thoirt seachad tro Creu Cymru, gu bhith na I Bawb/All In sa Chuimrigh agus cuiridh e fàilte air buill tron t-siostam ùr. Air a bhrosnachadh le obair Hynt, a tha air a bhith air thoiseach san roinn bho chaidh a chur air bhog ann an 2015, tha an iomairt ùr seo a’ toirt còmhla comhairlean ealain agus com-pàirtichean às a’ Chuimrigh, Sasainn, Alba, Èirinn a Tuath agus Èirinn ann an rùn còmhla gus cnapan-starra a thoirt air falbh agus a bhith nas cunbhalach a thaobh ruigsinneachd.

Tha bogsa purpaidh san ìomhaigh le suaicheantas buidhe Hynt agus suaicheantas purpaidh buidhe is geal I Bawb/All In, tha an tiotal ag ràdh sa Bheurla agus sa Chuimris gu bheil Hynt ga atharrachadh.
Le bhith ag obair nas dlùithe air feadh na RA agus Èirinn, bheir an sgeama taic do dh’ionadan agus do bhuidhnean le lèirsinn còmhla air luchd-èisteachd, na ciad inbhean ruigsinneachd san RA agus Èirinn airson cruthachalachd agus cultar (leabhar-eòlais ruigsinneachd air a chuir air dòigh ann criomagan beaga gus buidhnean a chuideachadh le leasachaidhean a dhèanamh gu misneachail), agus cruthachadh siostam tiocaid nas sìmplidh. Leigidh an siostam seo le buill na feumalachdan ruigsinneachd innse aon turas agus iad air an aithneachadh air feadh diofar àite, a’ dèanamh chùisean nas fhasa dhaibh air feadh na RA is Èirinn.
Anns a’ Chuimrigh, bidh Creu Cymru fhathast a’ toirt seachad Hynt agus bidh e air teis mheadhan chùisean agus e ga atharrachadh gu com-pàirteachais I Bawb / All In, a’ toirt cothrom ruigsinneachd nas fheàrr do dhaoine le ciorraman sa Chuimrigh air barrachd làraichean chultarach leithid taighean-tasgaidh is fèisean a bharrachd air taighean-cluiche is taighean-dealbh.
Bidh aon ainm dà-chànanach ann an Cuimrigh ag amas air fèin-fhiosraichidhean nas soilleire agus nas cunbhalaich a chruthachadh do luchd-amhairc agus do chom-pàirtichean le chèile agus chaidh fhoillseachadh an t-seachdain seo aig co-labhairt Creu Cymru. Tha an t-ainm Cuimreach “I Bawb” a’ ciallachadh “dha na h-uile” ann an Cuimris, agus a a-rèir feallsanachd All In, agus a’ daingneachadh an rùn airson com-pàirteachas in-ghabhaltach anns na h-ealain.

Ceathrar geal nan seasamh air beulaibh sgrìn le suaicheantasan Hynt agus All in. Tha aon neach air am beulaibh le speuclairean air agus iad ann an cathair-chuibhle.
Louise Miles-Payne, Creu Cymru, Gwen Siôn, Comhairle Ealain na Cuimrigh, Megan Merrett Creu Cymru, Hannah Raybould, Comhairle Ealain na Cuimrigh. Beulaibh: Andrew Miller, Riochdaire Ruigsinneachd Ealain na RA airson All In
A shared identity across Wales and the wider programme will strengthen recognition for users and the new platform will allow disabled members to search UK and Ireland-wide experiences with a granular search mechanism related to their access needs; will simplify marketing and communications for venues, and ensure consistency across digital platforms, membership cards and materials. By unifying under one brand, the programme also avoids duplication and keeps the focus firmly on improving access rather than managing multiple identities.
Bidh ùine eadar-ghluasaid ann gus dèanamh cinnteach gun lean taic luchd-amhairc, làraichean agus com-pàirtichean bho Creu Cymru agus Comhairle Ealain na Cuimrigh agus an t-ainm agus am suaicheantas ùr gan stèidheachadh, a’ toirt ùine airson aithne a thogail agus do luchd-ùidh tighinn rèidh ri na h-atharrachaidhean.
“Stèidhich prògram Hynt dòighean ùra agus nochd e ar rùn cothrom a thoirt dha na h-uile air na h-ealain. Bheir an t-atharrachadh bho Hynt gu I Bawb/All In sreath de bhuannachdan pragtaigeach na lùib airson làraichean ealain is cultar agus do dhaoine le ciorraman. San fharsaingeachd, tha am prògram ag amas air seirbhis nas cunbhalaiche, aithnichte agus nas càirdeil a thoirt seachad nuair a thig daoine le ciorraman an sàs anns na h-ealain is cultar.”
“Fhad is a bhios an sgeama a’ dol air adhart bidh dìleab agus ceannas Hynt aig a chridhe. Bidh an siostam ùr I Bawb / All In mar chuimhneachan air Hynt agus a bhuaidh thar nan deich bliadhna a dh’fhalbh, agus tron dàimh leantainneach le Creu Cymru agus Comhairle Ealain na Cuimrigh, tha na luachan aige gam fighe a-steach don sgeama ùr is leudaichte seo a rinneadh le daoine le ciorraman airson daoine le ciorraman.”