Sealladh air cùl a’ phìleit
- Bloga
5 August 2025
List of categories for this post
Nuair a thòisich sinn air a’ phròiseact pìleat airson All In ann an Leeds san Dùbhlachd an-uiridh, bha fios againn gur e clach-mhìle chudromach a bh’ ann airson an sgeama ruigsinneachd ùir againn. Chaidh am pìleat a dhealbhadh chan ann a-mhàin gus ar feartan a dhearbhadh, ach cuideachd airson co-obrachadh, airson beachdan a chruinneachadh, gus ar cuideachadh le bhith a’ cruthachadh sgeama ruigsinneachd a bhios ag obair do dhaoine le ciorram agus dhan roinn chruthachail is chultarail le chèile.
Tha na buidhnean pìleit againn – Leeds Heritage Theatres, Leeds Museums and Galleries, Leeds Playhouse, agus Opera North – air a bhith ag obair gu dlùth le sgioba All In, gar cuideachadh le bhith a’ tuigsinn mar a tha ruigsinneachd air a lìbhrigeadh thar diofar sheòrsaichean ionadan agus bhuidhnean. Cùm ort a leughadh gus faighinn a-mach na bha iad ris.
Ag obair còmhla ri Daoine is Àrd-ùrlaran
Bha a’ chiad mhìos no dhà mu bhith ag èisteachd. Chuir sgioba All In ùine seachad le gach buidheann pìleit, gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air mar a bhios iad a’ dealbhadh is a’ libhrigeadh ruigsinneachd agus mar a bhios iad a’ conaltradh mu dheidhinn. Gu tric bha na còmhraidhean tràtha seo aghaidh-ri-aghaidh, a’ stèidheachadh prògram pìleat a tha mu dhaoine chun na h-aon ìre is gu bheil e mu àrd-ùrlaran.
Deuchainnean san Fhìor-shaoghal
Goirid às dèidh sinn, bha na h-innealan didseatach againn deiseil airson a’ chiad deuchainn aca san fhior-shaoghal. Air a dhealbhadh gus an urrainn do dhaoine le ciorraman na riatanasan ruigsinneachd aca a cho-roinn gu tèarainte, bha sinn airson dèanamh cinnteach gun robh an t-àrd-ùrlar furasta a chleachdadh agus gun robh e a’ toirt air falbh duilgheadasan aig an roinn agus aig daoine le ciorraman. B’ iad na buidhnean pìleat againn a’ chiad fheadhainn a chruthaich pròifilean air an àrd-ùrlar All In ùr. Bha e air leth luachmhor a’ coimhead orra agus iad a’ cleachdadh an t-siostaim, agus a’ cluinntinn am beachdan onarach. Tha na beachdan seo air ar cuideachadh le bhith a’ cruthachadh an àrd-ùrlair, a’ cur ùrachaidhean an sàs stèidhichte air na dh’ionnsaich sinn.
Agus sinn a’ gluasad a-steach dhan earrach, chaidh Bun-inbhean na h-Àrainneachd Thogte a thoirt a-steach do dheuchainnean pìleat. Tro iomadh cuairt de dheuchainnean, dh’obraich sinn le Attitude is Everything gus dèanamh cinnteach gu bheil na bun-inbhean againn soilleir, coileanta, agus furasta a chur an gnìomh.

Dealbh buidhne mòr, gàireach, den sgioba All In le buill den luchd-obrach bho na buidhnean pìleat agus solaraichean a tha ag obair air a’ phròiseact.
A’ co-roinn Adhartas
Bha e air leth brosnachail dhan phròiseact sa Mhàrt, nuair a thug sinn ar buidheann pìleit agus ar solaraichean còmhla airson bùth-obrach anns an Leeds Playhouse. ’S e latha làn bheachdan, dhùbhlan, agus adhartas ùr a bha seo, a bharrachd air a bhith a’ cruinneachadh eòlas agus fios air ais luachmhor gus cumadh a thoirt air na prìomh eileamaidean de All In a tha ga dhèanamh air leth.
“Tha na beachdan a fhuair sinn bho na buidhnean pìleit againn ann an Leeds air a bhith air leth luachmhor gu ruige seo. Tha e mìorbhaileach gu bheil Leeds Heritage Theatres, Taighean-tasgaidh is Gailearaidhean Leeds, Leeds Playhouse, agus Opera North air a bhith a’ cur feum air is a’ fàs cleachdte de chuid de na tràth ìrean de dh’àrd-ùrlar All In. Tha sinn a’ cleachdadh nam beachdan seo gus an obair leasachadh againn ath-sgrùdadh agus a ghrinneachadh, gus dèanamh cinnteach gu bheil e a’ coileanadh feumalachdan dhaoine air a bheil ciorram agus na roinne cruthachail is cultarail mus tèid a chur air bhog.”
Dè a-nis?
Chan eil am pìleat idir deiseil – agus tha sin a dh’aona-gnothach. Tha sinn airson ùine gu leòr a ghabhail gus seo a dhèanamh gu ceart. Tha na buidhnean pìleit againn ag ath-sgrùdadh bun-inbhean Seirbheis Luchd-ceannach aig an àm seo agus bidh bun-inbhean Conaltraidh Didsitieatach, agus bun-inbhean Eòlasan Cruthachail is Cultarail a’ leantainn air seo. Thèid gach tè de na ceithir bun-inbhean tron aon phròiseas cho-obrachail gus dèanamh cinnteach gu bheil iad freagarrach airson sgaoileadh a-mach.
A thaobh ar n-innealan didseatach, tha ar luchd-leasachaidh ag obair air pròifilean ruigsinneachd nam buidhnean pìleat aig an àm seo agus a’ dèanamh liostaichean bhuapa a tha fosgailte dhan phoball gus am fiosrachadh mu na h-ullachaidhean ruigsinneachd agus na liostaichean thachartasan aca a mhìneachadh gu soilleir, gar toirt ceum nas fhaisge air àrd-ùrlar a bheir air falbh cnapan-starra do chruthachalachd agus cultar do dhaoine le ciorraman, agus a bheir cumhachd do bhuidhnean leasachaidhean ro-chudromach a dhèanamh a thaobh ruigsinneachd.