Oilthigh Atypical airson Ealain is Ciorram ainmeachadh gus sgeama pìleat ruigsinneachd ‘All In’ a ruith ann an Èirinn a Tuath
- Èirinn a Tuath
- Naidheachdan
19 October 2026
List of categories for this post
Dh’ainmich Comhairle Ealain Èirinn a Tuath Oilthigh Atypical gus an sgeama phìleat airson All In a ruith ann an Èirinn a Tuath – sgeama ùr ruigsinneachd airson roinn nan ealain is cultair san RA agus ann an Èirinn.
Tha All In ga ullachadh gus a dhèanamh nas fhasa do dhaoine B/bodhar, le ciorraman no niùro-iomsgarach fèin-fhiosrachaidhean cultarach ruigsinneachd a lorg, am feumalachdan ruigsinneachd innse, agus tiocaidean fhaighinn le barrachd cinnt.
Cuidichidh an sgeama le buidhnean cultarach piseach a thoirt air cho ruigsinneach is a tha iad le pasgan coitcheann de inbhean, taic eòlaichean agus siostaman tiocaid didseatach.
Obraichidh Oilthigh Atypical còmhla ri Comhairle Ealain Èirinn a Tuath, sgioba àrd-oifis All In, daoine le ciorraman agus buidhnean cultarach gus an sgeama pìleat a chruthachadh agus ruith, agus an sgeama pìleat a mhaireas gun Mhàrt 2027. Togaidh an sgeama pìleat air obair làidir a tha a’ dol san raoin seo gu h-ionadail mar-thà.
Tha mòran eòlas air Oilthigh Atypical a thaobh taic a chumail ri luchd-ealain is luchd-amhairc a tha B/bodhar, le ciorraman no a tha niùro-iomsgarach. Bidh fastadh an oilthigh a’ ciallachadh gum bi fèin-fhiosrachaidhean beatha agus eòlas mu roinn chultarach Èirinn a Tuath aig meadhan leasachadh an sgeama.
Am measg nan ciad prìomhachasan bidh:
- Rianadair a dh’aon-ghnothaich Geata All In fhastadh;
- structar comhairleachaidh a stèidheachadh le daoine le ciorraman na lùib, a bharrachd air riochdairean roinn nan ealain agus a’ chultair;
- conaltradh ri farsainneachd riochdachail de àitichean, fèisean, agus buidhnean cultarach airson sgeama pìleat air feadh Èirinn a Tuath;
- staid ullachaidh na roinne a mheas agus feumalachdan leasachadh sgilean, teicneòlas agus taic aithneachadh;
- taic a chur ri buidhnean pìleat gus obrachadh a dh’ionnsaigh Inbhean Ruigsinneachd All In;
- feuchainn ciamar a dh’obraicheas an sgeama còmhla ri na siostaman tiocaid a tha ann mar-thà; agus
- dòigh-obrach ann an ceumannan gus an sgeama pìleat a ruith agus gus an sgeama a thoirt a-steach.
Ged a bhios frèam-obrach cunbhalach aig All In air feadh na RA is Èirinn, bidh cruth air an dòigh-obrach aige ann an Èirinn a Tuath a-rèir feumalachdan na sgìre fhèin. Bidh seo a’ gabhail a-steach aithne a thoirt don mheasgachadh de fhrithealadh a tha ann an Èirinn a Tuath mar-thà, meud agus comas nam buidhnean cultarach san sgìre, agus na siostaman tiocaid eadar-dhealaichte san roinn.
Thuirt Roisin McDonagh, Àrd-oifigeir Comhairle Ealain Èirinn a Tuath:
“Is e fastadh Oilthigh Atypical an sgeama pìleat seo a ruith ceum cudromach gus All In a thoirt a-setach ann an Èirinn a Tuath gus piseach a thoirt air ruigsinneach air na h-ealain a thoirt do dhaoine B/bodhar, le ciorraman no niùro-iomsgarach, agus le a bhith a’ dèanamh cinnteach gum faigh daoine tlachd às na h-ealain ged as bith cò iad.
Faodaidh an sgeama seo diofar mòr a dhèanamh le cur às do chnapan-starra a tha mu choinneamh dhaoine le ciorraman nuair a bhios iad a’ lorg fiosrachaidh, a’ ceannach tiocaidean no a’ frithealadh tachartasan cultarach. Tha eòlas farsainn, ceangalan earbsach, agus tuigse làidir mu fhèin-fhiosrachaidhean agus roinn ionadail nan ealain aig Oilthigh Atypical.”
Thuirt an Dr. Jonathan Mitchell, Stiùiriche Ruigsinneachd agus In-ghabhalachd aig Oilthigh Atypical:
“Tha Oilthigh Atypical air a dhòigh glan a bhith air fhastadh gus am sgeama pìleat de All In a ruith ann an Èirinn a Tuath. Tha sinn an dòchas gur e a bhios anns an seo ceum cudromach gus piseach a thoirt air fèin-fhiosrachaidhean dhaoine a tha B/bodhar, ciorramach no niùro-iomsgarach gus cothrom fhaighinn air na h-ealain is cultar air feadh Èirinn a Tuath.
Togaidh sinne air eachdraidh fada Oilthigh Atypical a bhith ag obair leis an roinn gus tagradh airson barrachd ruigsinneachd agus in-ghabhalachd, leithid obrachadh tro ar sgeama Duaisean Ruigsinneachd Ealain is Ciorram fhèin. Bidh sinn cuideachd a’ conaltradh le buidhnean cultarach ionadail agus gu dìreach le daoine air a bheil ciorram. Seo gus dèanamh cinnteach gu bheil All In ann an Èirinn a Tuath a’ freagairt air feumalachdan agus na thathas a’ sùileachadh gu h-ionadail agus gun gabh a chur ri chèile còmhla ri ar com-pàirtichean gus piseach a thoirt air inbhean ruigsinneachd air feadh na roinne, gus gluasad air adhart gu saoghal far am faigh gach neach Cothrom na Fèinne air na h-ealain.”
Thuirt Andrew Miller MBE, Riochdaire Ruigsinneachd Ealain na RA airson All In:
“Tha mi air leth toilichte gun deach Oilthigh Atypical fhastadh mar Bhuidheann Gheata Èirinn a Tuath airson All In. Tha mi a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur air an sgioba gu teaghlach All In far am bi sinn ag obair taobh ri taobh gus cur às do chnapan-starra do luchd-amhairc le ciorraman ann an Èirinn.”
Tha Sasainn aig ìre nas adhartaich leis an sgeama. Às dèidh sgeama pìleat, tha ballrachd a-nis fosgailte do bhuidhnean ealain is cultarach air feadh Shasainn, agus an sgeama a’ gluasad gus fàilte a chur air buill air leth le ciorraman. Cuiridh eòlas bho mar a chaidh an sgeama a chuir a dhol ri leasachadh agus cur an sàs an sgeama ann an Èirinn a Tuath is Èirinn fhèin.
Thig fiosrachadh a-mach mu chonaltradh le luchd-ùidh, sgeama pìleat Èirinn a Tuath, agus cothroman do bhuidhnean cultarach a thighinn an sàs anns na mìosan ri teachd.