All In a’ foillseachadh fheartan feumail ùra le cunntasan blasaid an-asgaidh
- Naidheachdan
4 September 2025
List of categories for this post
Gheibh buidhnean ann an Sasainn ro-shealladh sònraichte de dh’fheartan ùr-ghnàthach All In le bhith a’ clàradh airson Cunntas Blasaid All In. Tha an ro-shealladh air All In, an sgeama ruigsinneachd airson cruthachalachd agus cultar, a’ toirt cothrom do bhuidhnean a bhith a’ coimhead air cuid de na h-innealan cumhachdach a bhios rim faighinn mus tèid an sgaoileadh a-mach.
Bheir Cunntas Blasaid cothrom do bhuidhnean a bhith a’ coimhead air dà phrìomh fheart ann an dòigh phractaigeach:
- Pròifilean Ruigsinneachd
Faodaidh buidhnean pròifil ruigsinneachd a thogail tro phròiseas ceum-air-cheum gus lèirmheas a dhèanamh air na ceumannan ruigsinneachd a tha an sàs mar-thà. Tha seo na chothrom nas fheàrr gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air solar ruisginneachd agus gus comharrachadh far a bheil piseach a dhìth. - Bun-inbhean Ruigsinneachd
Faodaidh buidhnean eisimpleir de na ciad bun-inbhean ruigsinneachd airson na roinne chruthachail is chultarach san RA agus Èirinn fhaicinn. Tha an stiùireadh seo ag amas air soilleireachd agus cunbhalachd a thoirt seachad ann an raointean a’ gabhail a-steach na h-àrainneachd togte, conaltradh digseatach, fein-fhiosrachaidhean cruthachail is cultarail, agus seirbheis chustamairean.
Tha an ro-shealladh an-asgaidh seo a’ tighinn air thoiseach air fo-sgrìobhaidhean slàn; All In Essentials agus All In Plus, a bhios rim faighinn nas fhaide air adhart am-bliadhna. Chaidh na cosgaisean fo-sgrìobhaidh san RA ainmeachadh sa Ghearran 2025.
Bheir All In cruth-atharrachadh air ruigsinneachd agus in-ghabhaltachd san roinn nuair a thèid a sgaoileadh a-mach aig deireadh 2025. Tha seo na chlach-mhìle chudromach ann an leasachadh All In, leis na mìltean de bhuidhnean air ùidh a nochdadh mar-thà.
Faodaidh buidhnean ann an àiteachan eile san RA agus ann an Èirinn cumail orra a’ nochdadh ùidh san sgeama, agus thèid fios a chur thuca cho luath ‘s a bhios Cunntasan Blasaid rim faighinn sna dùthchannan aca.
Airson barrachd fiosrachaidh mun ro-shealladh an-asgaidh seo, faicibh duilleag Cunntasan Blasaid All In.