All In do Dhaoine le Ciorram
Tha All In airson gum bi fàilte air a h-uile duine. Sin as coireach gu bheil sinn ag obair leis an roinn chruthachail is chultarach gus piseach a thoirt air ruigsinneachd do dhaoine bodhar, ciorramach agus niùro-iomsgarach.
Bu chòir sàr-fèin-fhiosrachaidhean a bhith agaibh bhon mhòmaid a chuireas sibh romhaibh a dhol a-mach gun àm a ruigeas sibh an taigh. Cha bu chòir dha a bhith sàrachail no slaodach a bhith an sàs anns na rudan a bheir tlachd dhuibh, ged a b’ e sin feasgar san taigh-dealbh, cuirm-chiùil, tadhal air taigh-tasgaidh, no coimhead ri sreath beò à taigh-cluiche.

Bidh neach le fradharc fann ann an taigh-cluiche mòr a’ cleachdadh monocular gus an àrd-ùrlar fhaicinn.
Dealbhan le Karol Wyszynski
Agus ciamar a nì sinn seo? An toiseach, bheir sinn inbhean ruigsinneachd a-steach gus an aithnich buidhnean cò ris a tha ruigsinneachd nas fheàrr a’ coimhead. Bheir sinn taic do bhuidhnean sgilean a leasachadh a tha a dhìth orra gus coinneachadh ris na h-inbhean sin.
Tha sinn airson piseach a thoirt air tiocaidean a ghlèidheil gus am bi e nas fhasa dhuibh innse mu ur feumalachdan ruigsinneachd. Tha sin a’ ciallachadh nach bithear sìorraidheachd tuilleadh air am fòn, ag innse a-rithist agus a-rithist mu ghnothaichean pearsanta no a bhith fo uallach a bheil càch a’ tuigse na tha dhìth oirbh.
Nas fheàrr buileach. Bidh All In saor is an-asgaidh do dhaoine le ciorram.
Mar sgioba fo stiùir feadhainn le ciorram, tuigidh sinn cho cudromach is a tha e seo a dhèanamh ceart. Tha sinn a’ gabhail air ar socair ar beachdan fheuchainn agus bruidhinn ri daoine eile le ciorram feuch dè dìreach a tha a-dhìth air ar coimhearsnachd gus an soirbhich le All In.
Ma tha sibh sa Chuimrigh is cairt Hynt agaibh, chan fhada gus an innis sinn ciamar a dh’obraicheas Hynt agus All In còmhla ri chèile. Chan atharraich cail an-dràsta do ionadan is luchd-cleachdaidh Hynt.
Tha sinn a’ toirt a-steach All In do na taighean-cluiche, taighean-tasgaidh, gailearaidhean agus barrachd air feadh na RA agus Èirinn aig an àm seo. Tha sinn a’ gabhail air ar socair gus an urrainn dhuinn deuchainnean a dhèanamh agus fios air ais fhaighinn gus dèanamh cinnteach gum bi an sgeama cho math ‘s a ghabhas dhuibh.
Bu mhiann leinn fios a chumail ribh mar a tha a’ dol dhuinn. Airson naidheachdan fhaighinn bhuainn air thoiseach, lìonaibh am foirm gu h-ìosal agus cumaidh sinn fios dhuibh.
Luchdaich a-nuas tionndaidh Easy Read den duilleig seo gus barrachd a dh’ionnsachadh mu All In.
Nochdaibh ur n-ùidh
Faigh na ùrachaidhean, naidheachdan agus leasachaidhean as ùire bhon sgioba All In.
Tha sinn airson dèanamh cinnteach gun cuir sinn am fiosrachadh ceart gu na daoine ceart. Tagh dè an seòrsa puist-d a tha thu airson fhaighinn bhuainn: