Tha fàilte air a h-uile duine

Com-pàirtichean All In

Rannsaich All In

Is e a tha ann an All In com-pàirteachas eadar Comhairle Ealain Shasainn, Comhairle Ealain Èirinn a Tuath, Comhairle Ealain na Cuimrigh, agus Alba Chruthachail.

Tha sinn a’ togail air obair chudromach Hynt, an sgeama ruigsinneachd airson ealain agus tèatar sa Chuimrigh, a chuir ri cruthachadh All In. Cumaidh Hynt a’ dol le a h-obair sa Chuimrigh, mar phàirt den sgeama nas fharsainge All In.

Comhairle Ealain Shasainn

’S e Comhairle Ealain Shasainn a’ bhuidheann leasachaidh nàiseanta airson cruthachalachd is cultar. Mhìnich sinn san lèirsinn ro-innleachdail againn, “Let’s Create”, gu bheil sinn airson ’s gum bi Sasainn na dùthaich far a bheil meas air a’ chomas chruthachaidh againn uile ro 2030, a’ toirt cothrom soirbheis dhan a h-uile duine agus cothrom againn uile do raon farsaing de dh’àrainneachdan cultarach aig ìre àrd. Eadar 2023 agus 2026, cuiridh sinn an seilbh barrachd air £467 millean de dh’airgead poblach on Riaghaltas agus mu thuaiream £250 millean on Chrannchur Nàiseanta gach bliadhna mar thaic dhan roinn seo agus a thoirt na lèirsinn seo gu bith.

Tha na chuir sinn ri All In gar cuideachadh an lèirsinn sin a thoirt gu buil le taic a chur ris an roinn chruthachail agus chultarach gus am bi i na h-àite far a bheil fàilte air na h-uile.

Thigibh gu làrach-lìn Comhairle Ealain Shasainn

Comhairle Ealain na h-Èireann

Is i Comhairle nan Ealan a’ bhuidhinn riaghaltas nàiseanta airson maoineachadh. leasachadh agus adhartachadh nan ealan ann an Èirinn. Is e a dleastanas a bhith ri tagradh, comhairleachadh, tasgadh airgid agus obair ann an com-pàirteachas ri feadhainn eile, gus àrainneachd ealain beothail àrach aig cridhe muinntir na h-Èireann. Ga stèidheachadh gu laghail ann an 1951, tha Comhairle nan Ealan fo stiùir Achd nan Ealan 2003, agus is e buidheann eòlach, neo-eisimeileach a tha innte.

Tha Comhairle nan Ealain ag aithneachadh gu bheil nì  bunaiteach agus air leth air na h-ealainean ri thoirt do ar dùthaich agus i ga leasachadh. Thathas a’ cuimseachadh gu ro-innleachdach san là a tha ann air taic do luchd-ealain, conaltradh ris an t-sluaigh, airgead a thasgadh gu ro-innleachdach, planadh togalaichean agus sluagh, agus comas a leasachadh. 
 
Fo obair Comhairle nan Ealan tha grunn luachan, nam measg saorsa smaoin agus barail, dealas do shàr-mhathais, treibhdhireachd, cunntalachd agus soilleireachd, spèis do iomadachd agus càirdeas.

Thigibh gu làrach-lìn Comhairle Ealain na h-Èireann
Arts Council of Northern Ireland

Comhairle Ealain Èirinn a Tuath

Is i Comhairle Ealain Èirinn a Tuath a’ bhuidheann maoineachaidh is leasachaidh oifigeil airson nan ealain ann an Èirinn a Tuath, a’ toirt seachad ionmhas bho ar prìomh luchd-taic, Roinn nan Coimhearsnachd, agus bhon Chrannchur Nàiseanta.  Tha rùn againn cothrom a’ phobaill air na h-ealainean agus gabhail pàirt annta àrdachadh agus tha dleastanas laghail againn dèiligeadh ri prìomh mì-chothromachdan sluaigh agus deagh bhuaidh fhaicsinneach a nochdadh air beatha dhaoine a tha a’ fuireach ann an Èireann a Tuath.

Thigibh gu làrach-lìn Comhairle Ealain Èirinn a Tuath

Comhairle Ealain na Cuimrigh

’S e Comhairle Ealain na Chuimrigh a’ bhuidheann phoblach oifigeach airson maoineachadh is leasachadh nan ealan sa Chuimrigh. Bidh sinn a’ riaghladh agus a’ tasgadh airgead poblach a gheibh sinn bho Riaghaltas na Cuimrigh, agus tha uallach oirnn cuideachd airson maoineachadh a’ Chrannchuir Nàiseanta a sgaoileadh sa Chuimrigh. Mar bhuidheann tha dealas leantainneach againn gus conaltradh a leudachadh agus cur às do chnapan-starraidh a thaobh cothrom agus pàirt a ghabhail anns na h-ealain, agus tha sinn gu daingean a creidsinn ann an comas nan ealan piseach a thoirt air cor beatha dhaoine agus cur ri cor cultarach, sòisealta agus eaconomach na Cuimrigh.

Thigibh gu làrach-lìn Comhairle Ealain na Cuimrigh
Arts Council of Wales

Alba Chruthachail

’S e Alba Chruthachail a’ bhuidheann phoblach a bheir taic do chultar agus cruthachas air feadh gach pàirt de dh’Alba, a’ sgaoileadh maoineachadh air a thoirt seachad le Riaghaltas na h-Alba agus leis a’ Chrannchur Nàiseanta.
 
Is iad Co-ionannachdan, Iomadachd agus In-ghabhalachd cuid de na prìomhachasan ro-innleachdail againn, agus tha sinn ag iarraidh cothrom a bhith air daoine à gach pàirt de ar coimhearsnachdan a bhith a’ gabhail pàirt ann am farsaingeachd gnìomhan ealain agus cruthachail. Tha All In fìor chudromach gus cothrom a leudachadh airson luchd-amhairc agus adhartas a stiùireadh air feadh nan roinn cruthachail agus cultarach.

Thigibh gu làrach-lìn Alba Chruthachail
Back to Top