Tha fàilte air a h-uile duine

All In airson na Roinne

Rannsaich Goireasan Roinn

Aig All In, is e ar n-amas buidhnean cruthachail is cultarach a chuideachadh piseach a thoirt air ruigsinneachd, fàilte a chur air luchd-tadhail ùra agus barrachd sluaigh a tharraing san fharsaingeachd.

Tha ar sgeama ga dhèanamh le daoine le ciorram do dhaoine le ciorram le taic-airgid bho bhuidhnean leasachadh ealain na RA agus na h-Èireann.

Thig All In a-mach nas ainmiche ann an 2025 agus bith an sgeama ri fhaotainn do bhuidhnean cruthachail is cultarach, leithid taighean-cluiche, taighean-tasgaidh, taighean-dealbh, fèisean agus leabharlannan.

Poster image for the video WEBSITE ONLY - ARTS COUNCIL All In BSL English Subs

Le fo-sgrìobhadh do All In, gheibh ur buidheann air:

A’ chiad sreath de inbhean ruigsinneachd airson na roinne chruthachail is chultarach san RA agus Èirinn a leantainn

Bheir inbhean piseach air cunbhalachd agus cor ruigsinneachd do dhaoine le ciorram. Gan ullachadh le buidhnean fo stiùir feadhainn le ciorram, Attitude is Everything, buinidh inbhean All In do cheithir raointean de ruigsinneachd: àrainneachd thogte, conaltradh didseatach, seirbheis do luchd-frithealaidh, agus coimiseanan, tachartasan, agus prògraman.

Faighibh buannachd à taic agus leasachadh sgilean gus coinneachadh ri inbhean ruigsinneachd

Às dèidh fèin-sgrùdaidh, gheibh sibh air ur goireasan ruigsinneachd a mheas agus a chur romhaibh mar a dh’iarras sibh piseach a thoirt air cùisean. Bidh sinn a’ tabhann stiùireadh agus goireasan gus ur cuideachadh inbhean ruigsinneachd All In a thuigsinn agus misneachd a thoirt do ur buidhinn atharraichean feumail a dhèanamh.

Cleachdaibh teicneòlas ùr-ghnàthach gus gabhail ri iarrtasan ruigsinneachd gu tèarainte

Nì ar n-uidheaman didseatach cùisean nas fhasa do dhaoine le ciorram tiocaidean a fhreagras air am feumalachdan ruigsinneachd a lorg agus a ghlèidheil. Le am feumalachdan ruigsinneachd innse gu tèarainte tro All In, lùghdaichidh sinn am feum airson fònadh agus puist-dealain, rud a leigeas le ur luchd-obrach an ùine a chur gu barrachd feum.

Dèanaibh conaltradh ri eòlaichean ruigsinneachd air feadh na RA agus Èirinn

Cleachdaibh ar iùl gus an lorg sibh feadhainn a tha ag obair air an ceann fhèin, co-chomhairlichean agus buidhnean a chuidicheas sibh piseach a thoirt air ruigsinneachd.

Dèanaibh sgrùdadh air fiosrachadh mu ur luchd-frithealaidh

Faighibh tuigse nas fheàrr air feumalachdan ruigsinneachd ur luchd-tadhail tro lèirsinn agus fiosrachadh. Cumaibh sùil air sgrùdadh gus gleans a chur air ur margaideachd agus conaltradh gus an ruig sibh air barrachd dhaoine le ciorram.

Tha ar pìleat a’ dol na làithean seo agus seasaidh e gu samhradh 2025. Tha fios againn gu bheil e cudromach feuchainn, sgrùdadh agus freagairt air na builean a gheibh sinn gus a bhith cinnteach gu bheil sinn a’ dealbh sgeama a nì feum do na h-uile.

Nochdaibh ur n-ùidh

Faigh na ùrachaidhean, naidheachdan agus leasachaidhean as ùire bhon sgioba All In.

Tha sinn airson dèanamh cinnteach gun cuir sinn am fiosrachadh ceart gu na daoine ceart. Tagh dè an seòrsa puist-d a tha thu airson fhaighinn bhuainn:

Back to Top