Tha fàilte air a h-uile duine

All In do Dhaoine le Ciorram

Tha All In ag iarraidh gum fairich na h-uile gu bheil fàilte rompa. Sin as coireach gu bheil sinn ag obair leis an roinn chruthachail is chultarach gus piseach a thoirt air ruigsinneachd do dhaoine bodhar, ciorramach agus niùro-iomsgarach.

Bu chòir sàr-fèin-fhiosrachaidhean a bhith agaibh bhon mhòmaid a chuireas sibh romhaibh a dhol a-mach gun àm a ruigeas sibh an taigh. Cha bu chòir dha a bhith sàrachail no slaodach a bhith an sàs anns na rudan a bheir tlachd dhuibh, ged a b’ e sin feasgar san taigh-dealbh, cuirm-chiùil, tadhal air taigh-tasgaidh, no coimhead ri sreath beò à taigh-cluiche.

A visually impaired person in a grand theatre uses a monocular to see the stage.

Photos by Karol Wyszynski

Agus ciamar a nì sinn seo? An toiseach, bheir sinn inbhean ruigsinneachd a-steach gus an aithnich buidhnean cò ris a tha ruigsinneachd nas fheàrr a’ coimhead. Bheir sinn taic do bhuidhnean sgilean a leasachadh a tha a dhìth orra gus coinneachadh ris na h-inbhean sin.

Tha sinn airson piseach a thoirt air tiocaidean a ghlèidheil gus am bi e nas fhasa dhuibh innse mu ur feumalachdan ruigsinneachd. Tha sin a’ ciallachadh nach bithear sìorraidheachd tuilleadh air am fòn, ag innse a-rithist agus a-rithist mu ghnothaichean pearsanta no a bhith fo uallach a bheil càch a’ tuigse na tha dhìth oirbh.

Nas fheàrr buileach. Bidh All In saor is an-asgaidh do dhaoine le ciorram.

Mar sgioba fo stiùir feadhainn le ciorram, tuigidh sinn cho cudromach is a tha e seo a dhèanamh ceart. Tha sinn a’ gabhail air ar socair ar beachdan fheuchainn agus bruidhinn ri daoine eile le ciorram feuch dè dìreach a tha a-dhìth air ar coimhearsnachd gus an soirbhich le All In.

Ma tha sibh sa Chuimrigh is cairt Hynt agaibh, chan fhada gus an innis sinn ciamar a dh’obraicheas Hynt agus All In còmhla ri chèile. Chan atharraich cail an-dràsta do ionadan is luchd-cleachdaidh Hynt.

Tha sinn ri sgeama pìleat de All In gus dèanamh cinnteach gun obraich e do na h-uile. Tha e cudromach gun toir sinn rud dhuibh a chòrdas ribh nuair a dh’fhosglas ar dorsan san dàrna leth de 2025.

Bu mhiann leinn fios a chumail ribh mar a tha a’ dol dhuinn. Airson naidheachdan fhaighinn bhuainn air thoiseach, lìonaibh am foirm gu h-ìosal agus cumaidh sinn fios dhuibh.

Nochdaibh ur n-ùidh

Faigh na ùrachaidhean, naidheachdan agus leasachaidhean as ùire bhon sgioba All In.

Tha sinn airson dèanamh cinnteach gun cuir sinn am fiosrachadh ceart gu na daoine ceart. Tagh dè an seòrsa puist-d a tha thu airson fhaighinn bhuainn:

Back to Top