Aithris Ruigsinneachd
Ar Gealltanas a Thaobh Ruigsinneachd
Aig All In, tha sinn ag iarraidh gum faigh na h-uile cothrom is tlachd às ar làrach-lìn. Gu h-ìosal, gheibh sibh fiosrachadh ciamar a dh’ullaich sinn an làrach gus am faigh gach neach cothrom oirre, luchd-cleachdaidh le ciorram nam measg.
Tha sinn ag amas air ar làrach-lìn a dhèanamh freagarrach do uiread de dhaoine is a ghabhas; le sin, bu chòir gum faigh sibh air:
- Faighinn tron mhòr-chuid den làrach le meur-chlàr a-mhàin.
- Bathar-bog aithneachadh gutha a chleachdadh gus obrachadh leis an làrach.
- Èisteachd ris a’ mhòr-chuid den t-susbaint le leughadair sgrìn (JAWS, NVDA, no VoiceOver).
Cuideachd, tha sinn a’ dèanamh ar dìcheall gus ar cuid sgrìobhadh a dhèanamh cho soilleir is cho simplidh is a ghabhas. Ma bhios comhairle a dhìth oirbh gus ur n-uidheam a dhèanamh nas simplidh, thigibh gu AbilityNet far am faigh sibh goireasan cuideachail.
Trioblaidean aithnichte aig ar làrach-lìn:
- Chan eil ceanglaichean a dh’fhosglas ann an taba ag innse gun dèan iad an leithid. Tha sinn ag obair air teacsa a chur ris gus dèanamh soilleir gun tachair seo.
- Teachdaireachdan mearachd air foirmichean nach innis dè chaidh ceàrr agus ciamar a chuireas daoine ceart e. Tha sinn ag obair air an teacsa a chur ceart.
- Cha leugh leughadairean sgrìn an tionndaidh Cuimris den t-susbaint. Tha seo air sgàth uireasbhuidhean ann an teicneolas leughadairean sgrìn.
- Is dòcha gum bi e duilich a dhol tro na bhideothan Vimeo air ar làrach-lìn leis a’ mheur-chlàr. Tha sinn a’ rannsachadh dòighean eile ar bhidiothan a nochdadh.
- Nuair a chleachdar meur-chlàr, feumar a dhol tro thabaichean na duilleige gu lèir mus ruigear a’ bhratach cead criomaig. Tha sinn ag obair air seo a chur air thoiseachd san òrdugh taba.
Fios air ais:
Tha sinn toilichte beachdan fhaotainn mu ar làrach-lìn. Ma dh’fhiosraicheas sibh trioblaidean le ar làrach-lìn, no ma tha beachdan agaibh gus piseach a thoirt oirre, cuiribh fios thugainn.
Na rinn sinn gus piseach a thoirt air ruigsinneachd:
Gus àrd ìre ruigsinneachd fhaighinn, tha sinn ag obair gu dìcheallach le ar com-pàirtichean Accessible by Design gus stiùireadh ruigsinneachd eadar-nàiseanta bho Cho-bhanntachd Lìon na Cruinne a leantainn (W3C WCAG 2).
Cuideachd, agus le aithne gur e leantainn stiùiridh pàirt de ruigsinneachd a thomhais, bithear ag obair le luchd-cleachdaidh dha-rìreabh gus faighinn a-mach ciamar a chleachdas daoine ar làrach-lìn agus dè eile a nì sinn gus a dhèanamh nas fhasa a chleachdadh.
Is e prìomhachas a tha ann dhuinn beachdan fhaighinn bho ar luchd-cleachdaidh agus tha e riatanach do ar ro-innleachd làrach is didseatach.
Feartan Ruigsinneachd:
- Leum gu Susbaint: Gheibhear ceangal “Leum gu susbaint” do luchd-cleachdaidh leughadair sgrìn agus meur-chlàr gus am faigh iad don phrìomh susbaint gu sgiobalta.
- Roghainnean Modh Datha: Gheibhear roghainnean eadar sgeama dathan Deàrrsach agus Mùchta a rèir ur miann.
- Meud Teacsa Atharrachadh: Gabhaidh meud an teacsa atharrachadh le ar bàr-inneal ruigsinneachd (barrachd fiosrachaidh gu h-ìosal).
- Cothrom Sgiobalta air Susbaint BSL: Gheibhear ceangal dìreach gu susbaint Cànan-soidhnidh Bhreatainn (BSL) gu h-àrd air an taobh deas de dhuilleig sam bith le tionndaidh BSL.
- Ceangalaichean Soilleir: Chaidh ar ceanglaichean uile a sgrìobhadh gus an dèan iad ciall, ged a leughar iad air falbh bhon co-theacsa.
- Roghainnean seach Teacsa: Far an cleachd sinn bhidio no fuaim, gheibhear roghainn teacsa.
- Mìneachaidhean ARIA: Tha sinn air mìneachaidhean ARIA fhighe a-steach gus cuideachadh le leughadairean sgrìn ar susbaint a thuigsinn agus a dhol a troimhe.
Rinn sinn cinnteach cuideachd gun:
- Obraich an làrach-lìn le meur-chlàr.
- Gu bheil cruth sùbailte air an làrach-lìn agus gu bheil i a’ coimhead ceart ged a bhithear a’ sùmadh a-mach no a-steach.
- Gu bheil susbaint air a dheagh chur ri chèile agus furasta a leughadh, le cinn soilleir agus gu leòr rùm geal air an duilleig.
- Gu bheil ar dòighean seòlaidh cunbhalach, tha e an còmhnadh furasda an rud a thathas ag iarraidh a lorg.
- Gu bheil iomsgaradh làidir nar cuid dathan, gus cuideachadh le leughadh.
Faodaidh sibh na roghainnean air ur brabhsair atharrachadh gus an teacsa a dhèanamh nas motha air feadh nan làrach-lìn. Tha sàr-stiùirichean aig AbilityNet gus ur cuideachadh ur n-uidheam a dhèanamh nas fhasa a chleachdadh, gheibhear an seo iad.
Easy Read:
Gheibhear cuideachd dreach Easy Read de phrìomh dhuilleagan:
- Luchdaich a-nuas Easy Read: All In airson na Roinne
- Luchdaich a-nuas Easy Read: All In do Dhaoine le Ciorram
Inbhe Riaghailtean:
Tha ar làrach a’ freagairt air stiùireadh WCAG 2.2 gu ìre. Am measg na h-obrach feabhas tha:
- Soillearachadh gu bheil ceanglaichean a’ fosgladh ann an uinneig ùr: WCAG 2.1.4 Adhbhar Ceangail (Ann an Co-theacsa) (Ìre A) agus WCAG 3.2.5 Atharraich nuair a Dh’iarrar (Ìre AAA)
- Leughadairean sgrìn agus Cuimris: WCAG 3.1.2 Cànan Pàirtean (Ìre AA)
- Stiùir bhidio Vimeo: WCAG 2.4.3 Òrdugh Fòcas (Ìre A)
- Fios mearachd air foirmichean: WCAG 3.3.1 Soillearachadh Mearachd (Ìre A) agus WCAG 3.3.3 Fideadh Mearachd (Ìre AA)
- Òrdugh fòcas meur-chlàr bratach chriomagan: WCAG 2.4.3 Òrdugh Fòcas (Ìre A)
Ullachadh an t-Sanais Seo:
Rinneadh an sanas seo an toiseach air 16 Faoilleach 2025. Tha sinn a’ dol tro làn sgrùdadh an-dràsta agus ùraichidh sinn an sanas seo am broinn sia mìosan.