Shakespeare’s Globe, New Art Exchange, agus Autograph am measg nan ciad buidhnean an lùib All In
- Naidheachdan
16 June 2026
List of categories for this post
Thug All In com-pàirtichean, buidhnean cultarail agus luchd-iomairt ciorraim còmhla ann an Leeds gus clach-mhìle chudromach a chomharrachadh. ’S e sin gu bheil faisg air 30 buidheann air clàradh mar chleachdaichean tràtha aig All In mar-thà, eadar taighean-cluiche, ionadan ealain, taighean-tasgaidh agus gailearaidhean air feadh Shasainn — a’ dearbhadh gu bheil freagairt dealasach agus misneachail ann dhan sgeama, a chaidh a dhealbhadh gus buidhnean a chuideachadh le bhith a’ cur ri ruigsinneachd agus in-ghabhail do dhaoine bodhar, ciorramach agus niùro-iomadach.

decorative
Eadar Shakespeare’s Globe is Companaidh Shakespeare Rìoghail agus New Art Exchange, Autograph agus Taigh-tasgaidh Thackray, tha an luchd-taic tùsail air sealltainn gu bheil fìor dhealas aca a bhith dèanamh cinnteach gum bi cruthachalachd agus cultar nas fhàilteachaile, nas in-ghabhalaiche agus nas ruigsinniche do dhaoine bodhar, air a bheil ciorram agus niùro-iomadach.
Chaidh an luchd-cleachdaidh tràth ainmeachadh le cathraiche Comhairle Ealain Shasainn, Sir Nicholas Sertona ann an Leeds Diluain 8 Ògmhios aig tachartas a tha a’ comharrachadh cur air bhog Bun-inbhean Ruigsinneachd All In. San òraid aige, mhìnich e gur e àm le “cuideam eachdraidheil” a tha seo agus bheachdaich e e air cho cudromach ’s a tha ruigsinneachd anns na h-ealain agus e a’ tighinn gu deireadh an teirm aige san obair.
Thuirt Sir Nick ri luchd-frithealaidh aig Leeds Grand Theatre, “Tha daoine le ciorraman air a bhith a’ cur an aghaidh iomadh dùbhlan gus àite fhaighinn aig bòrd nan ealan. Mar Chomhairle Ealain, nì sinn a h-uile rud as urrainn dhuinn gus dèanamh cinnteach gum bi iad daonnan an sin agus gum fàs an àireamhan.”

Tha Sir Nicholas Serota na sheasamh aig leatran, a’ coimhead a-mach thairis air an luchd-amhairc, a tha far camara.
Bhruidhinn Andrew Miller MBE, Gaisgeach Ruigsinneachd Ealain na RA airson All In, cuideachd mun turas aig All In gu ruige seo agus mun diofar a tha an sgeama a’ dèanamh mar-thà, is e ag ràdh, “Chan eil duine sam bith air ruigsinneachd chultarail a mhapadh ann an dòigh cho mionaideach gu ruige seo, agus tha seo a’ fàgail gur e encyclopedia de ruigsinneachd chultarail a th’ anns na Bun-inbhean againn. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri All In a bhith a’ toirt air falbh nan cnapan-starra do dhaoine air a bheil ciorram”.
Tha an fhàilte chridheil a chuir an roinn air All In follaiseach bhon fharsaingeachd de bhuidhnean a tha an sàs ann. Am measg an fheadhainn a ghabh ris a’ phrògram gu tràth, tha Storyhouse, Hackney Empire, NutKhut, Opera Up Close, Arena Theatre agus Asian Arts Agency. Tha an dealas a’ sealltainn gu bheil buidhnean de dhiofar mheudan agus a tha an sàs ann an diofar chruthan ealain ag aithneachadh All In mar dhòigh phractaigeach air ruigsinneachd a neartachadh, misneachd a thogail agus gus am bi fèin-fhiosrachaidhean nas fheàrr aig luchd-amhairc agus luchd-tadhail.
“Tha leasachadh ruigsinneachd na dhleastanas leantainneach, agus le bhith nar pàirt de All In, tha an t-eòlas agus an taic againn gus cumail oirnn a’ leasachadh, a bhith a’ toirt fàs air luchd-amhairc, agus gus fèin-fhiosraichidhean nas fheàrr a chruthachadh dha na h-uile.”
Thuirt na Co-stiùirichean Ealain aig Companaidh Shakespeare Rìoghail, Daniel Evans agus Tamara Harvey, agus an Stiùiriche Gnìomha, Andrew Leveson: “Bidh an RSC a’ cur fàilte air na mìltean de luchd-amhairc is luchd-tadhail air a bheil ciorram gach bliadhna – agus gu ruige seo, bha aig daoine ri bhith ag ath-aithris nam feumalachdan ruigsinneachd aca a h-uile turas a thadhladh iad air ionad no buidheann ùr. Atharrachaidh All In sin. Tha sinn moiteil gu bheil sinn a’ dol an sàs ann cho tràth. Tha e na rùn dhuinn dèanamh cinnteach gum faigh an luchd-amais as fharsainge cothrom air an obair againn.”
Thuirt Annabel Turpin, Àrd-oifigear, Storyhouse: “Tha Storyhouse air aontachadh pàirt a ghabhail ann an All In oir tha sinn a’ creidsinn gun toir e cruth-atharrachadh air mar a bhios daoine le ciorraman a’ faighinn cothrom air ealain is cultar. Tha leasachadh ruigsinneachd na dhleastanas leantainneach, agus le bhith nar pàirt de All In, tha an t-eòlas agus an taic againn gus cumail oirnn a’ leasachadh, a bhith a’ toirt fàs air luchd-amhairc, agus gus fèin-fhiosraichidhean nas fheàrr a chruthachadh dha na h-uile. Dhomhsa, cha bu chòir ballrachd All In a bhith roghainneil, bu chòir dha a bhith riatanach – agus do dhuine sam bith a tha de bheachd gur e bacadh a th’ anns a’ chosgais, bidh na buannachdan a thaobh fàs luchd-amais gu math nas motha na a’ chosgais.”
Thuirt Saad Eddine Said, Àrd-oifigear agus Stiùiriche Ealain, New Art Exchange: “Mar luchd-taic dìcheallach do roinn chultarail chothromach, tha New Art Exchange moiteil a bhith air a bhith am measg luchd-cleachdaidh tràtha All In. Tron sgeama ro-chudromach seo, tha sinn an dòchas taic a chumail ri luathachadh atharrachadh siostamach agus ri bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil e ruigsinneach, in-ghabhalach agus gun bhacadh do gach neach a bhith an sàs ann an cruthachalachd an da-rìribh.”
Thuirt Chris Sudworth, Àrd-oifigear, Hackney Empire: “Tron eachdraidh againn air fad, tha Hackney Empire air a bhith a’ brosnachadh ghuthan air an iomall agus air feuchainn ri cur ri ruigsinneachd air ealain is cultar sgoinneil do gach neach. Le bhith a gabhail ann an All In, nì sin slighean agus pròiseasan nas fhasa do luchd-amhairc agus luchd-ealain, a’ toirt dhuinn na h-innealan agus an trèanadh gus dèanamh cinnteach gum bi ruigsinneachd fhathast aig cridhe ar sgeòil agus sinn a’ tòiseachadh air na ath-125 bliadhna againn, agus sinn a’ cur ri adhartas air feadh na roinne a dh’ionnsaigh saoghal cultarail nas in-ghabhaltaich.”
Co-dhiù a tha thu dìreach a’ tòiseachadh no a bheil thu airson togail air obair a th’ ann mar-thà, tha All In a’ toirt seachad frèam-obrach soilleir, innealan practaigeach agus inbhean le taic bho eòlaichean gus ur cuideachadh le bhith a’ cur àrd-amasachd an gnìomh.
Gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu bhith a’ fo-sgrìobhadh gu All In agus mu na dh’fhaodadh e dèanamh dhan bhuidhinn agaibh, cuiribh coinneamh fòn air dòigh leis an sgioba an-diugh.