Tha fàilte air a h-uile duine

Coinnich ris an Sgioba

Rannsaich All In

Air a chruthachadh le daoine le ciorram airson daoine le ciorram, tha farsaingeachd de dh’eòlais ruigsinneachd is gnìomhachais aig an sgioba againn, le tuigse mhath air an roinn chruthachail is chultarail a bharrachd air siostaman thiogaidean cumanta.

Bidh gach ball den sgioba cuideachd a’ toirt an cuid eòlais beatha fhèin gu All In, a’ dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ cruthachadh sgeama ruigsinneachd a bhios ag obair do na h-uile.

Roberta Beattie

Stiùiriche Bathair, All In

’S mise manaidsear bathar All In, tha mi glè fhortanach oir tha an obair agam co-cheangailte ri cha mhòr a h-uile taobh den obair a nì All In, eadar leasachadh an àrd-ùrlair agus cruthachadh nam bun-inbhean. Tha mi daonnan trang a’ cuideachadh gus phlanaichean a dhèanamh airson a’ phròiseict agus bidh an cothrom agam bruidhinn ris na solaraichean againn gus dèanamh cinnteach gu bheil clàran-ama a’ co-thaobhadh ri chèile agus bidh mi a’ dèanamh cinnteach gu bheil rudan a’ dol mar as còir.

Roimhe, am measg eile, bha mi nam Ghaisgeach Teicneòlais Ruigsinneachd Didseatach airson Lìonra a’ Chultair Dhidseataich.

Tha All In àrd-amasach agus thathar ga chruthachadh gus a h-uile seòrsa cnap-starra a thoirt air falbh. Bidh mi a’ toirt leam m’ fhèin-fhiosrachaidhean fhèin air insomnia leantainneach, dyslexia, agus haidhpear-fòcas, gus an obair togail fhiosrachadh. Tha tòrr eòlais beatha againn san sgioba cuideachd, agus bidh sinn ag èisteachd agus a’ bruidhinn ris an uimhir de dhaoine ’s a ghabhas.

Taobh a-muigh All In bidh mi gu tric a’ dol dhan taigh-cluich, a’ cluich le mo choin, no a’ dèanamh rudeigin co-cheangailte ri ealain no ciùird. Is toigh leam a bhith ag ionnsachadh rudan ùra agus a bhith a’ feuchainn diofar chur-seachadan!

Joanne Blunt

Àrd-oifigear – Gateway, All In

Bidh mi a’ coimhead às dèidh nam fo-sgrìobhadairean ann an Sasainn; gan cuideachadh gus All In a stèidheachadh agus gus am feum as fheàrr a dhèanamh den àrd-ùrlar.

Tha mi air a bhith ag obair ann an roinnean tèatair, chuairtean, taighean-tasgaidh agus dualchais. Bha e mar phrìomh amas riamh dhomh eòlasan cultarail air leth a chruthachadh a tha ruigsinneach do na h-uile.

Tha niùro-iomadachd orm agus sgìths leantainneach mar thoradh air Covid fada. Bheir All In cruth-atharrachadh mòr air cùisean dhomh mar bhall den luchd-èisteachd agus e a’ ciallachadh gum bi am fiosrachadh a dh’fheumar agam, agus aig mo charaidean, mo theaghlach is mo cho-leithid air a bheil ciorraman, gus cothrom fhaighinn air na tachartasan cultarail air a bheil sinn cho measail.

Aig an deireadh-sheachdain mar as trice bidh mi a’ ceannach cus snàth. Agus bho àm gu àm, bidh mi fiù ‘s ga chleachdadh airson beagan obair-chroisidh a dhèanamh.

Ruby Ferguson

Speisealaiche Ruigsinneachd, All In

Tha mi nam Speisealaiche Ruigsinneachd ann an Sgioba All In, le fòcas air Conaltradh Didseatach. Bidh mi a’ co-roinn eòlas, sgilean agus ghoireasan le buidhnean a tha fo-sgrìobhte, a’ toirt taic dhaibh air an turas aca gus a bhith nas ruigsinniche agus nas ion-ghabhalaich.

Roimhe sin, bha mi ag obair ann an Sgioba Taic Ruigsinneachd Comhairle Ealain Shasainn, a’ cuideachadh nan ceudan de luchd-ealain air a bheil ciorram agus diofar fheumalachdan gus cothrom fhaighinn air a’ phròiseas maoineachaidh. ‘S ann an seo a thog mi m’ ùidh mhòr ann an ruigsinneachd fhad ’s a bha mi a’ sgrùdadh an niùro-iomadachd agam fhèin.

Mar Neach Ciad-fhuasgladh Slàinte Inntinn le trèanadh, tha mi cuideachd airson nas urrainn dhomh a dhèanamh airson a bhith a’ toirt air falbh stiogma co-cheangailte ri slàinte inntinn.

Tha gabhail pàirt ann an ealain is cultar a’ cur ri beartas beatha dhaoine. Tha mi den bheachd gum bu chòir cothrom a bhith aig a h-uile duine pàirt a ghabhail anns na nithean seo.

Tha mi cuideachd nam neach-ealain lèirsinneach. Còmhla ri m’ obair le All In, bidh mi cuideachd a’ planadh pròiseact leis a’ cho-bhuidhinn stiùidio agam agus ag òl à tionaichean peant gun fhiosta fhad ’s a tha mi ag obair air an obair ealain as ùire agam.

Nicola Fieldsend

Àrd-oifigear – Margaidheachd is Conaltradh, All In

Tha mi a’ stiùireadh margaidheachd is conaltraidh airson All In, a’ togail mothachadh air an obair chudromaich againn tro na meadhanan sòisealta, susbaint dhidseatach, co-labhairtean agus barrachd. Tha eachdraidh agam de bhith ag obair ann an sanasachd, margaidheachd agus co-òrdanachadh thachartasan, a’ gabhail a-steach a bhith ag obair air an rèidio airson greis uair!

Mar neach a tha maol anns a’ chlaisneachd agus aig a bheil innealan-èisteachd, tha mi a’ tuigsinn bacaidhean air ruigsinneachd. Tha mi gu mòr airson a bhith a’ toirt cruth-atharrachadh air ruigsinneachd dhan roinn chruthachail is chultarail do dhaoine mar mi fhèin, agus tha mi a’ dèanmh fiughair ri bhith a’ faicinn na buaidh aig ìre phearsanta.

Taobh a-muigh All In, bidh mi a’ tadhal air togalaichean eachdraidheil, ag obair air a’ chiad nobhail ficsean agam, agus a’ togail cus dhealbhan de mo chat.

Jamie King

Neach-taic, All In

Nì mi an obair rianachd airson coinneamhan, mar eisimpleir, buidhnean comhairleachaidh All In, bidh mi a’ planadh leabhraichean-latha an luchd-obrach, a’ cuideachadh le pròiseactan aon-uair, ag ùrachadh chlàran, agus a’ freagairt cheistean.

Roimhe seo, bha mi ag obair do dh’fhèisean agus do chompanaidhean tèatair, agus thòisich mi a bhith ag obair aig Comhairle Ealain Shasainn ann an 2021. Rinn mi trèanadh air Modail Sòisealta a’ Chiorraim, BSL, agus mothachadh air òtasm, agus thug mi taic do dh’iomadh deagh neach-ealain air a bheil ciorram le maoineachadh, mus deach mi nam bhall de sgioba All In.

Tha All In cudromach dhomh, oir tha mi niùro-iomadach agus tha mi eòlach air cuid de na cnapan-starra ris a bheil an sgeama ruigsinneachd seo a’ dèiligeadh. Nuair a thèid mi gu taigh-cluiche no gailearaidh, tha soidhnichean soilleir agus àiteachan sàmhach gu math feumail dhomh – dà rud a chuidicheas All In gus leasachadh.

Lorgar gu tric mi ann an bùithean leabhraichean, aig tachartasan LGBTQ+, ri cleasachd ann an dealbhan-cluiche ionadail, agus tha mi cuideachd air mo bheò-ghlacadh le Doctor Who.

Phil Lofthouse

Stiùiriche Teicneòlais, All In

Bidh mi a’ stiùireadh leasachadh teicnigeach air All In, a’ dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ cleachdadh nan innealan didseatach ceart gus dàimhean a dhèanamh nas fhasa eadar buidhnean cruthachail is cultarail agus an custamairean.

’S e eòlaiche thiogaidean agus CRM a th’ annam agus tha mi air a bhith ag obair le farsaingeachd de bhuidhnean ealain air feadh na RA agus Ameireaga a Tuath, gan cuideachadh gus am feum as fheàrr a dhèanamh às na h-àrd-ùrlaran thiogaidean aca.

Le faisg air fichead bliadhna de dh’eòlas air an roinn, tha mi air cuideachadh a thoirt do dh’iomadh ionad fa leth gus leasachaidhean a chur an gnìomh ann an ruigsinneachd a thaobh thiogaidean, agus mar sin nuair a nochd an cothrom obrachadh air All In, chan e ruith ach leum a bh’ ann dhomh a bhith ag obrachadh air a’ phròiseact chudromach nàiseanta seo.

Lilit Movsisyan

Speisealaiche Ruigsinneachd, All In

Mar Speisealaich Ruigsinneachd airson All In, bidh mi a’ toirt taic do bhuidhnean a tha fo-sgrìobhte gus àrainneachdan ion-ghabhalach a chruthachadh do luchd-tadhail, luchd-ealain agus luchd-obrach. Bidh mi a’ co-roinn ghoireasan agus phrògraman ionnsachaidh gus taic a thoirt dhuibh san turas agaibh gu bhith a’ coileanadh Bhun-inbhean All In. Is e an Àrainneachd Thogte mo phrìomh raon fòcais.

Tha mi air a bhith ag obair ann an ion-ghabhail ciorraim agus niùro-iomadachd bho 2019, a’ cuideachadh bhuidhnean gus cnapan-starra a thoirt air falbh tro na cleachdaidhean as fheàrr.

Mar amputee agus neach-ciùil, tha e gu tric na bhriseadh dùil dhomh ma nithear dearmad air ruigsinneachd do luchd-ealain. Agus tha fios agam cò ris a tha e coltach nuair a tha an uiread de dh’oidhirp agus de dh’uallach a dhìth gus latha spòrsail a-muigh a phlanadh is gu bheil mi air co-dhùnadh gun a dhol ann aig a’ cheann thall. Tha mi mothachail air Covid cuideachd (fhathast a’ caitheamh masg!) agus a’ dèanamh fiughair ri bhith ag àrdachadh dhùilean gus an urrainn dhuinn uile pàirt a ghabhail ann an gnothaichean cultarail.

A bharrachd air a bhith a’ cluich na fìdhle agus ag èisteachd ri ceòl beò, chì thu mi ri rothaireachd air baidhsagal atharraichte ann am pàircean agus a’ faighinn tlachd à nàdar.

Kelly Parish

Àrd-mhanaidsear, Iomadachd, Comhairle Ealain Shasainn

Tha mi nam bhall den Sgioba Iomadachd aig Comhairle Ealain Shasainn agus bidh mi ag obair air All In dà latha san t-seachdain, a’ toirt taic do dhiofar phròiseactan gus an soirbhich leis an sgeama.

Tha mi air a bhith ag obair aig Comhairle Ealain Shasainn fad còrr is deich bliadhna agus chuir mi seachad mòran den ùine sin a’ cruthachadh phròiseasan airson prògraman thabhartasan. Roimhe sin chruthaich mi tachartasan bogaidh ealain DIY agus bha mi nam neach-obrach òigridh. Tha mi a-nis ag obair gus obair Co-ionnanachdan, Iomadachd agus Ion-ghabhaltachd Comhairle Ealain Shasainn a thoirt air adhart. Tha mi dealasach mu iomadachd agus ruigsinneachd, agus tha mi fìor thoilichte gu bheil mo chuid obrach a’ ciallachadh gum faigh mi cothrom taic a thoirt dhan roinn chruthachail is chultarail gus a bhith nas riochdachaile agus nas buntainniche do barrachd dhaoine. ‘S e a’ phàirt as fheàrr den obair agam a bhith ag obair le sgioba sgoinneil.

Taobh a-muigh na h-obrach agam, tha mi air a bhith an sàs ann an sorcas adhair, ann am peantadh agus sgrìobhadh, agus is toigh leam cuideachd a bhith anns a’ ghàrradh còmhla ri mo thoirtis.

Gemma Seed

Oifigear – Co-ionnanachdan, Iomadachd agus Ion-ghabhaltachd, Comhairle Ealain Shasainn

Mar phàirt den obair agam le Sgioba Iomadachd Comhairle Ealain Shasainn, bidh mi ag obair pàirt-ùine air All In. A bharrachd air a bhith a’ coimhead às dèidh ar Clàr-stiùiridh Taic Roinneil, bidh mi a’ cuideachadh le bhith a’ co-òrdanachadh a’ phìleit de All In agus ag obair leis na ‘pìleatairean’ sgoinneil againn! Tha e math a bhith ag obair còmhla ri sgioba laghach de cho-obraichean dìcheallach aig a bheil an aon dealas ‘s a th’ agam mu bhith a’ cur ri ruigsinneachd air Ealain is Cultar.

Tha ùidh mhòr air a bhith agam sna h-Ealainean bho m’ òige, gu h-àraid ann an ceòl, agus tha mi a’ toirt eòlas beatha air niùro-iomadachd agus tinneasan slàinte inntinn fad-ùine a-steach dhan obair againn. Tha misean All In gu math faisg air mo chridhe!

A bharrachd air a bhith fìor dhèidheil air ceòl (gach cuid ag èisteachd ris agus ga dhèanamh), bidh co-dhiù aon phròiseact ciùird agam a’ dol fad an t-siubhail – an-dràsta tha mi ag obair air plaide fuaigheal-brèide, mosàig, agus stocainnean fighte!

Tim Wheeler

Àrd-mhanaidsear Pròiseict, All In

’S mise an t-Àrd-mhanaidsear Phròiseict airson All In, le uallach airson a h-uile càil a chumail air an t-slighe cheart – air an uair, taobh a-staigh a’ bhuidseit, agus le ìre càileachd àrd.

Tha mi air a bhith ag obair anns na h-ealainean airson còrr is 40 bliadhna, le fòcas air slàinte inntinn agus ciorram ionnsachaidh. Chuidich mi le bhith a’ stèidheachadh grunn bhuidhnean ealain a tha air an stiùireadh le daoine air a bheil ciorram, agus is dòcha gu bheil mi as aithnichte airson m’ obair mar cho-stèidheadair agus Stiùiriche Ealain Mind the Gap.

Tha ro-iomagain agus trom-inntinn air a bhith orm bho àm gu àm bho bha mi ceithir bliadhna deug a dh’aois. Bha ùine mhòr ann mus robh mi a’ faireachdainn comhfhurtail a bhith a’ bruidhinn mu dheidhinn — tha e fìor gu bheil stiogma ann. Tha meas mòr agam air luchd-ealain òga a bhios a’ bruidhinn gu fosgailte mun cuid slàinte inntinn; tha iad a’ cuideachadh le bhith ag atharrachadh a’ chultair agus a’ toirt piseach air cùisean.

Tha ion-ghabhail cudromach dhomh oir bu chòir cothrom a bhith aig a h-uile duine pàirt a ghabhail ann an ealain is cultar. Tha daoine air a bheil ciorraman tionnsgalach gu nàdarra — tha sinn daonnan a’ lorg dhòighean cruthachail gus dèanamh cinnteach gun obraich rudan. Tha tòrr aig an roinn ri ionnsachadh bhuainn.

Back to Top