Tha fàilte air a h-uile duine

Fo-sgrìobhadh All In

Rannsaich Goireasan Roinn

Dèanaibh deiseil airson All In le ro-shealladh air na h-ìrean ballrachd bhliadhnail againn airson na RA.

Chaidh na prìsean againn a dhealbhadh airson buidhnean cruthachail is cultarail de gach meud is seòrsa. Bidh dà sheòrsa fho-sgrìobhadh ann, gach seòrsa dhiubh loma-làn de dh’fheartan a chuidicheas sibh gus am bi sibh nas ruigsinniche agus gus an cuir sibh fàilte air barrachd dhaoine air a bheil ciorram.

All In Essentials
Tha seo do bhuidhnean a tha airson cur ri an cuid eòlais air ruigsinneachd agus a tha airson cothrom-inntrigidh nas fheàrr a thoirt dhan luchd-cleachdaidh aca, ach nach bi a’ cleachdadh siostam clàrachaidh thiocaidean.

All In Plus
Do bhuidhnean a tha airson piseach a thoirt air na pròiseasan clàrachaidh thiocaidean aca, ga dhèanamh nas fhasa do chustamairean air a bheil ciorram na feumalachdan ruigsinneachd aca innse agus tiogaidean a cheannach.

Tha All In air tòiseachadh air Cunntasan Blasaid a chur air dòigh airson buidhnean stèidhichte ann an Sasainn. Airson am fiosrachadh as ùire mu sgaoileadh a-mach a’ phrògraim, nochd an ùidh agaibh ann an All In.

Phasgan

All In EssentialsAll In Plus
Cruthaichibh pròifil de na h-ullachaidhean ruigsinneachd agaibh
Taic gus gabhail ri bun-inbhean ruigsinneachd
Gabhaibh pàirt sa phrògram leasachadh sgilean againn
Faighibh taic aghaidh-ri-aghaidh air ruigsinneachd bho eòlaichean
Cuiribh làraichean is tachartasan ris na liostaichean againn
Faighibh fios mu fheumalachdan ruigsinneachd nan custamairean agaibh tron t-siostam ruigsinneachd againn
Tomhaisibh an t-adhartas agaibh tro mhion-sgrùdadh air dàta

All In Essentials

  • Cruthaichibh pròifil de na h-ullachaidhean ruigsinneachd agaibh
  • Taic gus gabhail ri bun-inbhean ruigsinneachd
  • Gabhaibh pàirt sa phrògram leasachadh sgilean againn
  • Faighibh taic aghaidh-ri-aghaidh air ruigsinneachd bho eòlaichean
  • Cuiribh làraichean is tachartasan ris na liostaichean againn
  • Faighibh fios mu fheumalachdan ruigsinneachd nan custamairean agaibh tron t-siostam ruigsinneachd againn
  • Tomhaisibh an t-adhartas agaibh tro mhion-sgrùdadh air dàta

All In Plus

  • Cruthaichibh pròifil de na h-ullachaidhean ruigsinneachd agaibh
  • Taic gus gabhail ri bun-inbhean ruigsinneachd
  • Gabhaibh pàirt sa phrògram leasachadh sgilean againn
  • Faighibh taic aghaidh-ri-aghaidh air ruigsinneachd bho eòlaichean
  • Cuiribh làraichean is tachartasan ris na liostaichean againn
  • Faighibh fios mu fheumalachdan ruigsinneachd nan custamairean agaibh tron t-siostam ruigsinneachd againn
  • Tomhaisibh an t-adhartas agaibh tro mhion-sgrùdadh air dàta
swipe


Prìsean

All In EssentialsAll In Plus
Tionndadh-airgidFo-sgrìobhadh Bliadhnail san RA
(Chan eil gin de na prìsean a’ gabhail a-staigh VAT)
Tionndadh-airgid suas ri £500,000£200£250
£500,000 gu £1 millean£300£400
£1 millean gu £2 millean£550£750
£2 millean gu £5 millean£1,100£1,500
£5 millean gu £10 millean£2,750£3,750
£10 millean agus barrachd£5,500£7,500
Fo-sgrìobhadh buidhne£250 a bharrachd gach làrach£250 a bharrachd gach làrach

All In Essentials

  • Tionndadh-airgidFo-sgrìobhadh Bliadhnail san RA
    (Chan eil gin de na prìsean a’ gabhail a-staigh VAT)
  • Tionndadh-airgid suas ri £500,000£200
  • £500,000 gu £1 millean£300
  • £1 millean gu £2 millean£550
  • £2 millean gu £5 millean£1,100
  • £5 millean gu £10 millean£2,750
  • £10 millean agus barrachd£5,500
  • Fo-sgrìobhadh buidhne£250 a bharrachd gach làrach

All In Plus

  • Tionndadh-airgidFo-sgrìobhadh Bliadhnail san RA
    (Chan eil gin de na prìsean a’ gabhail a-staigh VAT)
  • Tionndadh-airgid suas ri £500,000£250
  • £500,000 gu £1 millean£400
  • £1 millean gu £2 millean£750
  • £2 millean gu £5 millean£1,500
  • £5 millean gu £10 millean£3,750
  • £10 millean agus barrachd£7,500
  • Fo-sgrìobhadh buidhne£250 a bharrachd gach làrach
swipe


Ceistean Cumanta

Ciamar a bhios All In a’ mìneachadh tionndadh-airgid?

Tha fo-sgrìobhaidhean stèidhichte air tionndaidh-airgid na buidhne. Tha seo air a mhìneachadh mar am figear airson tionndadh-airgid teachd a-steach ann an cunntasan na companaidh agus gach fo-chompanaidh, far a bheil gnìomhan co-cheangailte ris a’ phrìomh ghnìomhachas ealain.

Bhiodh fo-chompanaidhean a’ gabhail a-steach, ach chan ann a-mhàin, solar bìdh na làraich fhèin no bùtha no ionad malairt. Bu chòir dhan fhigear a bhith a’ gabhail a-steach tionndadh-airgid iomlan oifis nan tiocaidean, gun a bhith a’ gabhail a-steach VAT, agus an teachd a-steach lom bhon ghnìomhachd taic is malairt uile, a’ gabhail a-steach solar bìdh is bàr no teachd a-steach a tha air a shealltainn ann an cunntasan na companaidh a fhuaireadh bho ghnìomhachd fo cheadachasan.

Dè thachras ma bhios barrachd air aon làrach aig a’ bhuidhinn agam?

Bidh am fo-sgrìobhadh bunaiteach agaibh airson aon làraich. Ma tha còrr is aon làrach agaibh, is urrainn dhuibh àrdachadh gu Fo-sgrìobhadh Buidhne. Is urrainn dhuibh co-dhùnadh cia mheud àite a tha sibh airson cur ris an fho-sgrìobhadh.

Ciamar a tha All In a’ mìneachadh ‘làrach’?

Tha làraichean air am mìneachadh mar àiteachan leis an t-seòladh agus ullachaidhean ruigsinneachd aca fhèin, le feum aca air pròifeil ruigsinneachd dhaibh fhèin. Ma tha sibh a’ ruith grunn làraichean taobh a-staigh an aon togalaich, thathar fhathast a’ meas seo mar aon làrach. Ma tha grunn diofar àiteachan agaibh ann am baile, bhiodh agaibh ri àrdachadh gu Fo-sgrìobhadh Buidhne.

An urrainn dhomh gluasad gu All In Plus nas fhaide air adhart?

‘S urrainn. Is urrainn dhuibh gluasad eadar fo-sgrìobhaidhean nas fhaide air adhart.

Cuin as urrainn dhan bhuidhinn agam fo-sgrìobhadh a ghabhail ann an All In?

Tòisichidh fo-sgrìobhaidhean nas fhaide air adhart ann an 2026. Roimhe sin, bheir sinn ro-shealladh do bhuidhnean air na comasan a bhios aig All In, le cothrom cunntas ro-sheallaidh an-asgaidh a chruthachadh, le feartan cuibhrichte.

Am bi All In an-asgaidh airson nan custamairean againn air a bheil ciorram?

Bidh. Bidh All In an-asgaidh airson daoine air a bheil ciorram. Tha sinn gu mòr airson a bhith a’ lùghdachadh nan cnapan-starra ionmhasail a tha a’ cur casg air daoine air a bheil ciorram bho bhith a’ faighinn tlachd à cruthachalachd agus cultar.

A bheil na prìsean seo an sàs ann an Èirinn?

Chan eil. Seo na prìsean airson fo-sgrìobaidhean san RA a-mhàin. Dearbhaidh sinn na na prìsean a bhios ann airson Èirinn fhathast.

Ciamar a dh’fhaodadh All In a bhith ag obrachadh ann an dòigh eadar-dhealaichte anns gach dùthaich?

Tha All In ga leasachadh aig an àm seo agus bidh e air a dhealbhadh a rèir riatanasan gach dùthcha gus a bhith a rèir, agus ag atharrachadh a rèir, feumalachdan sònraichte gach dùthcha. Tha diofar dhùthchannan aig diofar ìrean den turas leasachaidh agus ag obair aig astaran eadar-dhealaichte. Thèid barrachd fiosrachaidh a cho-roinn an ceann ùine fhad ‘s a bhios All In a’ gluasad a dh’ionnsaigh sgaoileadh a-mach air feadh na RA agus Èirinn.

Dè tha All In a’ ciallachadh airson àm ri teachd Hynt?

Tha sinn ag obair gu dlùth le sgioba Hynt agus ar com-pàirtichean aig Comhairle Ealain na Cuimrigh Chan fhada gus an innis sinn naidheachd a thaobh ciamar a dh’obraicheas Hynt agus an sgeama ruigsinneachd ùr còmhla ri chèile. Chan atharraich cail an-dràsta do ionadan is luchd-cleachdaidh Hynt.

Back to Top