Tha All In a’ cur fàilte air Comhairle Ealain na h-Èireann mar chom-pàirtiche stèidheachaidh
22 October 2024
Thathar an dùil gum fosgail All In, an sgeama ruigsinneachd ùr airson cruthachalachd agus cultar, ar dorsan do 1.1m* a bharrachd dhaoine air a bheil ciorram ann an Èirinn. Tha An Chomhairle Ealaíon – Comhairle Ealain na h-Èireann – a’ gabhail ann an All In mar chom-pàirtiche stèidheachaidh, agus i dealasach a thaobh a bhith a’ toirt air falbh cnapan-starra agus a’ cur ri ruigsinneachd do dhaoine B/bodhar, daoine air a bheil ciorram no a tha niùro eug-samhlach.
Le bhith a’ toirt air falbh cnapan-starra agus crìochan, tha All In an dùil cothroman a thoirt do dhaoine air a bheil ciorram pàirt a ghabhail ann an cruthachalachd agus cultar an dà chuid san RA agus ann an Èirinn agus ’s e a th’ ann an seo ach a’ chiad cheum ann an leudachadh eadar-nàiseanta airson an sgeama a tha gus tòiseachadh.
Cuiridh Comhairle Ealain na h-Èireann €225,000 ann an airgead calpa ri leasachadh an sgeama ann an 2025, a’ togail air an tasgadh a rinn chomhairlean ealain na RA agus buidhnean leasachaidh ealain mar-thà.
Bheir All In a-steach na ciad bun-inbhean ruigsinneachd airson cruthachalachd is cultar anns an RA agus ann an Èirinn, le taic agus leasachadh sgilean, a bharrachd air a bhith ga dhèanamh nas fhasa do dhaoine air a bheil ciorram riatanasan ruigsinneachd a cho-roinn le ionadan agus co-òrdanaichean thachartasan tro shiostam didseatach tèarainte. Nithear deuchainn air na nithean seo agus All In ag ullachadh airson a dhol a-steach dhan ìre phìleat aige, a tha gu bhith a’ tachairt nas fhaide air adhart am-bliadhna, mus bi sgaoileadh nas fharsainge ann thar 2025/2026.
Thuirt Andrew Miller, Curaidh Ruigsinneachd Ealain na RA: “Cha b’ urrainn All In a bhith na bu thoilichte fàilte a chur air Comhairle Ealain na h-Èireann mar thè de na com-pàirtichean stèidheachaidh còmhla ris na ceithir comhairlean ealain agus buidhnean leasachaidh san RA. Tha e na rùn dhuinn cur ri ruigsinneachd do dhaoine B/bodhar, daoine air a bheil ciorram no niùro eug-samhlachd ge b’ e far a bheil iad stèidhichte, agus tha an naidheachd seo a’ comharrachadh a’ chiad cheum san turas eadar-nàiseanta brosnachail againn. Tron com-pàirteachas againn le Èirinn, gheibh sinn buannachd bho eòlas cultarach is eòlas beatha a bharrachd anns na buidhnean comhairleachaidh againn, a’ dèanamh cinnteach gun toir Èireannach air a bheil ciorram buaidh air fàs sgeama a chuireas fàilte air a h-uile duine.”
Thuirt Maureen Kennelly, Stiùiriche Comhairle Ealain na h-Èireann: “Is e iomairt gun samhail a th’ ann an All In, a tha air a stiùireadh le daoine air a bheil ciorram, a bheir cruth-atharrachadh air ruigsinneachd sna h-ealainean. Tha sinn air ar dòigh glan gu bheil a’ Chomhairle Ealain na com-pàirtiche stèidheachaidh, agus nì sinn cinnteach còmhla gum faigh a h-uile duine, ge b’ e dè na feumalachdan ruigsinneachd a th’ aca, làn tlachd às na cothroman cultarach beartach a tha rim faighinn an dà chuid san RA agus ann an Èirinn.”
Thuirt Pádraig Naughton, Stiùiriche Gnìomh Ealain is Ciorram na h-Èireann: “Is e àrd-amas sgeama ruigsinneachd All In a bhith ag ath-chruthachadh ann an Èirinn na chaidh a choileanadh sa Chuimrigh mar-thà – rud a bhiodh cruth-atharrachail do luchd-èisteachd Èireannach air a bheil ciorraman. Chan e a-mhàin gun lùghdaich e cnapan-starra, agus e cuideachd a’ brosnachadh chothroman in-ghabhalach ach bheir e cothrom do luchd-amais Èireannach air a bheil ciorram brath a ghabhail air com-pàirteachadh ruigsinneach is gun bhacadh sam bith aig ionadan air feadh nan eilean seo, co-dhiù tha sin ann an eilean na h-Èireann, Sasainn, a’ Chuimrigh no Alba”.
* Daoine aig a bheil co-dhiù aon suidheachadh no duilgheadas slàinte maireannach gu ìre sam bith. Slàinte, Ciorram, Cùram agus Obair Shaor-thoileach, Cunntas-sluaigh 2022, Prìomh Oifis nan Staitistig, Riaghaltas na h-Èireann.