Tha All In a’ cur air dòigh a’ chiad sreath de dh’Inbhean Ruigsinneachd agus fo-sgrìobhaidhean a-nis beò
- Naidheachdan
19 March 2026
List of categories for this post
Ràinig All In clach-mhìle chudromach le a bhith a’ foillseachadh nan ciad Inbhean Ruigsinneachd airson na roinne chruthachail is chultarach, a-nis rim faotainn do bhuidhnean air feadh Shasainn.
Tha am pasgan cunbhalach seo de stiùireadh na phàirt de All In Essentials, fo-sgrìobhadh làn fheartan innleachdach airson taighean-cluiche, taighean-tasgaidh, gailearaidhean, leabharlannan, fèisean agus barrachd, air an dealbhadh gus misneachd a thogail, piseach a thoirt air ruigsinneachd agus cnapan-starra a thoirt air falbh do dhaoine bodhar, le ciorram agus neuro-iomsgaireach.
Ga chruthachadh còmhla ris a’ bhuidhinn ealain do chiorramaich Attitude is Everything, tha na h-Inbhean Ruigsinneachd a’ toirt seachad stiùireadh pragtaigeach mar thaic don dà chuid atharrachaidhean luatha agus leasachaidhean san ùine fhada. Nam measg tha Conaltradh Didseatach, Fèin-fhiosraichidhean Cruthachail is Cultarach, Seirbheisean Luchd-cleachdaidh, agus an Àrainneachd Togte, a’ gabhail a-steach gach nì eadar pàirceadh le Bràiste Ghorm is seallaidhean ann an tallaichean, agus rabhaidhean susbaint agus àrainneachdan bogaidh.
Am measg prìomh feartan All in Essentials, tha:
- Làn phasgan de Inbhean Ruigsinneachd
- Stiùireadh aon-gu-aon bho ar eòlaichean ruigsinneachd
- Goireasan sònraichte a thogas misneachd agus eòlas
- Uidheaman a chuidicheas ur buidhean ur goireasan ruigsinneachd a nochdadh
- Liostaichean gus am faigh feadhainn le ciorraman lorg air ur làraichean is tachartasan
Thuirt Andrew Miller MBE, Ceannard Ruigsinneachd Ealain Arts na RA airson All In: “Is e àm sònraichte do All In a tha ann am foillseachadh nan Essentials, agus sinn a’ gluasad bho ullachadh gu libhrigeadh. Is e seo mòmaid brosnachail cuideachd, agus bha mi fhìn a’ coiteachadh airson an seo a’ mhòr-chuid de na deich bliadhna a chaidh seachad.
Is aid na h-Inbhean Ruigsinneachd goireasan atharrachail ùr don roinn chulturach a nochdas slighe gus fàs s thoirt air àireamh luchd-coimhid is luchd-tadhail le ciorram. Tha fadachd orm gus am faic mi mar a bhios ar n-Inbhean a’ leagail cnapan-starraidh a chumas feadhainn le ciorram bho na h-ealain is cultar, an toiseach ann an Sasainn agus fhathast am bliadhna air feadh na RA is Èirinn.
Tha mi deimhinnte gur e seo an ath ìre de ruigsinneachd.
Fàilte gu All In.”
Tha a’ chlach-mhìle seo a’ toagail air an sgeama phìleat soirbheachail le Leeds Heritage Theatres, Taighean-tasgaidh is Gailearaidhean Leeds, Leeds Playhouse, agus Opera North, chuidich an lèirsinn gus cruth a thoirt air sgeama a rinneadh le amas air an roinn is air daoine le ciorraman.
Thuirt Alice Dowek, Eòlaiche Ruigsinneachd, Opera North: “Thug na h-Inbhean Ruigsinneachd sreath soilleir de riaghailtean dhomh a thaobh dè na h-amasan a bu chòir a bhith againn mar bhuidhean, agus mòran a bharrachd tuigse mu fheumalachdan ar luchd-amhairc eadar-dhealaichte. Le a bhith nar pàirt den sgeama pìleat, dhaingnich e miann Opera North cuideam a chuir air ruigsinneachd, agus tha sinn cho taingeil airson an cothrom a bhith an lùib seo gu ruige seo.”
Gheibhear All In Essentials an-dràsta, le prìsean fo-sgrìobhaidh a’ tòiseachadh bho £200 gu £5,500 +VAT. Tha prìsean stèidhichte air teachd-a-steach gus dèanamh cinnteach gum bi e ruigsinneach airson buidhnean cruthachail is cultarail de gach seòrsa is meud.
Gheibh buidhnean le siostam tiocaidean air goireasan a bharrachd buileach fhaighinn nuair a bhios All in Plus beò anns an t-Samhradh 2026.
Gheibh an fheadhainn a tha ag iarraidh a bhith air thoiseach ar Tairgse do Luchd-ceannach Tràth: Faighibh fo-sgrìobhadh All in Plus airson prìs Essentials gus tuilleadh ghoireasan fhaighinn gun phrìs a bharrachd! Tha an Tagradh ann gu 30 Gearran 2026
Bidh fo-sgrìobhaidhean rim faighinn sa chòrr den RA agus ann am Poblachd na h-Èirinn rè 2026 agus tràth ann an 2027.