Bidh All In a’ tòiseachadh sgeama pìleat ann an Leeds

    12 December 2024

Tha sinn air leth toilichte ainmeachadh gu bheil All In air am prògram pìleat aca a chuir air bhog ann an Leeds. Leeds Heritage Theatres, Leeds Museums and Galleries, Leeds Playhouse, agus Opera North a’ chiad bhuidhnean a rinn deuchainn air an sgeama ruigsinneachd ùr airson cruthachalachd is cultar san RA agus ann an Èirinn.

Tha na ceithir buidhnean a riochdachadh raon farsaing de chruthan ealain tarsainn theatar, taighean-tasgaidh, dualchas, opara agus ealain, a’ leigeil leis an sgeama a bhith air a dhearbhadh thar raon de dhiofar ionadan agus toraidhean cruthachail.

Thathar an dùil gun ruith am pìleat airson ochd mìosan gu samhradh 2025 agus cleachdaidh e dòigh-obrach cho-obrachail is sùbailte leis na buidhnean a tha an sàs ann. Bheir e seachad seallaidhean deatamach a leigeas le tuilleadh leasachaidhean a bhith air an dèanamh mus tèid a sgaoileadh thairis air an roinn chruthachail is chultarail.

Anns an ìre chudromach seo den phròiseact, nì All In mion-sgrùdadh, meòrachadh agus freagairt air prìomh fheartan an sgeama, nam measg:

  • Càileachd inbhean ruigsinneachd airson ionadan cruthachail is cultarail, a’ gabhail a-steach àrainneachd togail, conaltradh didseatach, seirbheis teachdaiche, agus coimiseanan, tachartasan agus prògramadh.
  • Taic agus leasachadh sgilean gus luchd-obrach a chuideachadh gus na h-ìrean sin a chur an gnìomh.
  • Siostam didseatach a leigeas le riatanasan ruigsinneachd a bhith air a cho-roinn gu rèidh agus gu tèarainte nuair a thèid tiocaidean a cheannach no tachartasan fhrithealadh.
  • Liostaichean gus daoine a chuideachadh gus eòlasan cultarail is cruthachail a lorg a choinnicheas ri am feumalachdan ruigsinneachd.

Air a leasachadh le daoine ciorramach airson daoine ciorramach, tha All In dealasach a thaobh toirt air falbh cnapan-starra a thaobh cruthachalachd agus cultar. Tha am pìleat na clach-mhìle chudromach san t-slighe seo agus bheir e seachad sealladh luachmhor air mar as urrainn don sgeama ar roinn a chuideachadh gus fàilte a chuir air barrachd dhaoine ciorramach.

Bidh All In ag ainmeachadh an ìre ballrachd bliadhnail san Fhaoilleach, mus tèid a sgaoileadh air feadh na RA agus Èirinn san dàrna leth de 2025.

Darren Henley, Ceannard, Comhairle Ealain Shasainn; Maureen Kennelly, Stiùiriche, Comhairle Ealain na h-Èireann; Roisín McDonough, Ceannard, Comhairle Ealain Èirinn a Tuath; Dafydd Rhys, Ceannard, Comhairle Ealain na Cuimrigh; agus Iain Munro, Ceannard, Alba Chruthachail ag ràdh: “Tha e math faighinn chun ìre seo de leasachadh às dèidh na h-uimhir de dh’obair, agus deuchainn an t-saoghail a thòiseachadh ann an Leeds agus Siorrachd Iorc an Iar. Tha sinn air ar brosnachadh leis an dealas a tha Leeds Heritage Theatres, Leeds Museums and Galleries, Leeds Playhouse, agus Opera North air nochdadh, agus air bhioran leis an spionnadh a th’ aca a bhith an sàs agus atharrachaidhean a dhèanamh taobh a-staigh na buidhnean aca. Tha sinn ceum nas fhaisge air a bhith ag atharrachadh eòlasan cultarail do luchd-taic ciorramach san RA agus ann an Èirinn agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ris an sgeama a sgaoileadh ann an 2025.”

Thuirt Vicky Cheetham, Ceannard, Leeds Heritage Theatres: “Tha Leeds Heritage Theatres an-còmhnaidh a’ feuchainn ri àrainneachd in-ghabhalach agus ruigsinneach a sholarachadh far am faigh a h-uile duine tlachd bho thaisbeanaidhean agus filmichean aig na h-ionadan againn. Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ gabhail pàirt ann an All In oir tha sinn airson na h-uimhir de chnapan-starra ’s as urrainn dhuinn a thoirt air falbh bhon a bhith an làthair aig tachartasan ealain is cultair. Tha ùidh againn ann a bhith ag ionnsachadh bho ar co-aoisean agus tha sinn air bhioran a bhith ag obair le ACE agus co-obraichean aig buidhnean air feadh a’ bhaile.”

Thuirt Lizzy Wilson, Ceannard Leasachadh Luchd-amais aig Taighean-tasgaidh is Gailearaidhean Leeds: “Leeds Museums and Galleries air leth toilichte pàirt a ghabhail anns a’ phròiseact nàiseanta chudromach seo. Tha luchd-amais aig cridhe na bhios sinn a’ dèanamh thar na h-ochd àiteachan againn, agus tha e air leth cudromach gum bi sinn ruigsinneach agus fosgailte dha na h-uile. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cur fìor atharrachadh an gnìomh an dà chuid air ar turas teachdaiche air-loidhne agus air eòlasan pearsanta. Tha e fìor inntinneach fiosrachadh agus eòlas na buidhne pròiseict seo a bhith againn agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ tòiseachadh.”

Thuirt Shawab Iqbal, Co-cheannard, Leeds Playhouse: “Tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair le Comhairle Ealain Shasainn air sgeama ruigsinneachd ealain All In a leasachadh mar àite pìleat. Cuiridh sinn fàilte chridheil air dòighean anns an urrainn dhuin obrachadh còmhla mar ghnìomhachas gus eòlas dhaoine Bodhar, ciorramach agus niùro-iomsgarach a leasachadh nuair a bhios iad a’ frithealadh thachartasan ealain is cultair san RA. Tha e deatamach dhuinne mar bhuidheann ealain, gnìomhachas, agus carthannas gun dèan sinn ar dìcheall dòighean a leasachadh anns an urrainn dhuinn eòlas ar luchd-amais an seo aig an Playhouse a leasachadh gu leantainneach, a’ dèanamh theatar ruigsinneach dha na h-uile.”

Thuirt Emily Simpson, Stiùiriche Luchd-amhairc, Opera North: “Tha Opera North air leth toilichte a bhith mar phàirt de phìleat All In agus sinn a’ feuchainn ri dèanamh cinnteach gum faigh a h-uile duine a bhios an làthair aig na cuirmean againn an eòlas as fheàrr bhon àm bucaidh chun an turais fhèin.

“Tha sinn gu làidir den bheachd gu bheil na h-ealain airson a h-uile duine agus is e sin as coireach gu bheil sinn air barrachd matinees, fo-thiotalan Beurla a thoirt a-steach aig a h-uile opera, cuirmean socair dha daoine as fheàrr leotha àrainneachd theatar nach eil cho foirmeil, agus mìneachadh-shoidhnidh, tuairisgeul claisneachd agus cuairtean suathaidh air cinn-latha taghte. Le bhith a’ gabhail pàirt anns a’ phìleat seo, tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri buidhnean eile, a’ roinn dàta agus lèirsinn gus an tairgse seo a leasachadh nas motha agus gus dèanamh cinnteach gu bheil cultar dha-rìribh fosgailte agus aoigheil dha na h-uile.”

Thuirt Andrew Miller MBE, Curaidh Ruigsinneachd Ealain na RA airson All In: “Tha am pìleat a’ comharrachadh clach-mhìle chudromach ann an leasachadh All In. A-nis, bidh sinn a’ faighinn a-mach toraidhean an rannsachaidh fharsaing againn uile, na beachdan bho na buidhnean comhairleachaidh againn, agus obair leantainneach ar solaraichean. Tha sinn a’ cur fàilte air dealas bho Leeds Heritage Theatres, Leeds Museums and Galleries, Leeds Playhouse, agus Opera North gus cuir às do chnapan-starra do luchd-èisteachd ciorramach le bhith a’ feuchainn agus a’ dèanamh deuchainn air All In còmhla rinn. Bheir na buidhnean sin beairteas de lèirsinn agus fios air ais luachmhor, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla riutha anns na mìosan a tha romhainn.”

Thuirt Ministear Ealain na RA, Sir Chris Bryant: “’S e ar misean dèanamh cinnteach gu bheil na h-ealain agus cultar airson a h-uile duine agus bidh sgeamaichean leithid All In bunaiteach ann a bhith a’ coileanadh seo.

“Tha mi a’ moladh obair chomhairlean ealain na RA agus na h-Èireann, agus na buidhnean a tha an sàs ann an Leeds agus Siorrachd Iorc an Iar gus cnapan-starra do dhaoine ciorramach a thoirt air falbh. Tha mi a’ dèanamh fiughar ri toraidhean a’ phìleat a bhith air a chleachdadh gus daoine a chuideachadh gus faighinn gu àrd-chàileachd ealain is cultar.”

Back to Top