Tha All In air carthannas fo stiùir luchd-ciorraim, Attitude is Everything, a shuidheachadh gus na ciad inbhean ruigsinneachd airson cruthachas is cultar san RA a dheasachadh
9 September 2024
Tha sinn ro-thoilichte foillseachadh gun deasaich Attitude is Everything na ciad inbhean ruigsinneachd airson cruthachas agus cultar san RA. Seo clach-mhìle chudromach eile airson ar sgeama ruigsinneachd a bhios ann don RA air fad, agus e rùnaichte air tursan gu taighean-cluiche, gailearaidhean, taighean-tasgaidh, leabhar-lannan is an còrr a dhèanamh nas fheàrr do dhaoine B/bodhar, ciorramach, is niùro-iomsgarach.

All In logo, Attitude is Everything logo
Tha na h-inbhean ag amas air an iomadh eisimpleir de dheagh ruigsinneachd a cho-chòrdadh thar na RA, gus am fiosraich luchd-amhairc ciorramach sàr-thursan gu cunbhalach.
Bidh na h-inbhean mar phàirt den tairgse fo-sgrìobhaidh as fharsainge aig All In, agus bheir e fios do bhuidhnean gus an urrainn dhaibh na h-ullachaidhean ruigsinneachd aca fhèin a mheasadh le misneachd is prosbaig a chur air na leasachaidhean teachdail aca.
Tha Attitude is Everything aithnichte airson a chuid eòlais ann am brosnachadh inbhean ruigsinneachd aig tachartasan beò is ciùil. Bho 2000, dh’obraich iad còmhla ri còrr is 200 fèis is ionad mar thaic dhaibh fàs nas ruigsinniche, na mheasg sin, Cairt Ruigsinneachd nan Tachartasan Beò aig a’ charthannas fo stiùir dhaoine air a bheil ciorram, a chaidh a dhaingneachadh le riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.
Cuiridh an obair aca còmhla ri All In prosbaig air ceithir raointean cudromach, nam measg sin:
- A’ leasachadh na h-àrainneachd togte ann an agus mun cuairt air ionadan, a’ toirt às cnapan-starra agus a’ solar slighean nas fheàrr
- A’ dèanamh conaltradh didseatach le luchd-amhairc ciorramach nas ruigsinniche, so-chleachdaidh is in-ghabhalaiche
- Ag obair còmhla ri seirbheisean luchd-tadhail gus an cuir ionadan is tachartasan fàilte chridheil air a h-uile neach
- A’ filleadh ruigsinneachd ann an coimiseanan, tachartasan is prògramadh aig ìrean beachd-smaoine, buidseataidh is leasachaidh
Bidh Accessible by Design ag obair còmhla ri Attitude is Everything mar thaic do bhith a’ deasachadh inbhean airson conaltradh didseatach, rud a nì cinnteach gum bi fèin-fhiosrachaidhean didseatach nas ruigsinniche ann do gach neach.
Air a dheasachadh ann an co-bhann le Comhairle Ealain Shasainn, Comhairle Ealain Èirinn a Tuath, Comhairle Ealain na Cuimrigh, is Alba Chruthachail, bithear a’ dèanamh pìleat air All In as t-fhoghar 2024, mus tèid a sgaoileadh gu nàiseanta ann an 2025.
Thuirt Andrew Miller MBE, Curaidh Ruigsinneachd Ealain na RA: “Leis na h-inbhean againn, tha sinn ag amas air co-chòrdadh ìrean ruigsinneachd is seirbheis chustamairean, rud a nì cruth-atharrachadh don dà chuid luchd-amhairc ciorramach agus an raon chultarail nam bheachdsa.”
Rinn Celia Makin-Bell, an ceannard-stiùiridh air Attitude is Everything luaidh air All In mar “phròiseact ùr, adhartach a chuidicheas an raon cruthachail, cultarail gus tursan ruigsinneach a sholar sam faod luchd-ceannaich ciorramach earbsa a chur asta agus am mealtainn saor o chnapan-starra”.