All In ag ainmeachadh cosgaisean fo-sgrìobhaidh mus tèid a sgaoileadh gu nàiseanta

    27 February 2025

Tha All In, an sgeama ruigsinneachd ùr airson cruthachalachd agus cultar, air na cosgaisean fo-sgrìobhaidh aige airson buidhnean san RA fhoillseachadh. Tha an naidheachd seo, ris an robhar a’ dèanamh fiughair, a’ tighinn agus an sgeama ag ullachadh airson a bhith air a sgaoileadh gu nàiseanta fhathast ann an 2025.

Tha cosgais an fho-sgrìobhaidh, a tha eadar £200 agus £7,500 + VAT, stèidhichte air teachd a-steach, gus dèanamh cinnteach gum bi e ruigsinneach airson buidhnean cruthachail is cultarail de gach seòrsa is meud. Bidh dà phasgan rim faighinn fhathast am-bliadhna: Tha All In Essentials agus All In Plus ann, gach fear dhiubh air a dhealbhadh gus freagairt air feumalachdan bhuidhnean.

  • All In Essentials
    Tha seo freagarrach airson buidhnean a tha airson cur ris na sgilean is eòlas aca a thaobh ruigsinneachd.
  • All In Plus
    Tha seo a’ gabhail a-steach a h-uile rud ann an All in Essentials, agus feartan didseatach airson piseach a thoirt air na pròiseasan clàrachaidh thiocaidean aca, ga dhèanamh nas fhasa do chustamairean air a bheil ciorram na feumalachdan ruigsinneachd aca innse agus tiogaidean a cheannach.

Le mòran air ùidh a nochdadh san sgeama mar-thà, thathar an dòchas gun toir an naidheachd seo fiosrachadh cudromach do bhuidhnean mun sgeama gus All In a thoirt a-steach don phlanadh aca airson 2025/2026.

Thathar a’ dèanamh pìleat air All In an-dràsta le buidhnean taghte ann an Leeds, air thoiseach air sgaoileadh nàiseanta san dàrna leth de 2025.

Airson barrachd fiosrachaidh mu phrìsean, faic duilleag fo-sgrìobhaidh All In.

“Tha an structar prìsean sreathach againn a’ ciallachadh gu bheil e comasach do bhuidhnean de gach seòrsa is meud a bhith a’ toirt piseach air ruigsinneachd. Tha mòran bhuidhnean air ùidh a nochdadh ann an All In mar-thà, agus tha sinn an dòchas le bhith a’ sgaoileadh fios mu na prìsean againn tràth gun urrainn dhan roinn ullachadh mus tèid a sgaoileadh gu nàiseanta nas fhaide air adhart am-bliadhna. Tha an dòigh-obrach chothromach is fhollaiseach seo a thaobh fo-sgrìobhadh a’ ciallachadh gum bidh All In fhathast an-asgaidh do dhaoine air a bheil ciorram.”

Thuirt Andrew Miller MBE, Curaidh Ruigsinneachd Ealain na RA
Back to Top