Clàraich airson Cunntas Blasaid an-asgaidh
Rannsaich Goireasan Roinn
Ag iarraidh barrachd fios mu All In? Seo cothrom dhuibh gus coimhead air eisimpleir de na h-innealan againn – agus tha e gu tur an-asgaidh!
Is e All In an sgeama ruigsinneachd ùr airson cruthachalachd agus cultar. Tha e air a dhealbhadh gus buidhnean, mar a bhuidheann agaibh fhèin, a chuideachadh gus bacaidhean a thoirt air falbh agus gus piseach a thoirt air cùisean do dhaoine air a bheil ciorram agus dhaibhsan aig a bheil feumalachdan ruigsinneachd.
Mus sgaoil sinn na pasganan fo-sgrìobhaidh againn a-mach, tha sinn a’ tabhann ro-shealladh de chuid de na prìomh fheartan againn do bhuidhnean cruthachail is cultarach a tha stèidhichte ann an Sasainn.
Clàraichibh gus sùil a thoirt air na bhios ri faighinn tro làn chunntas!
Ma tha sibh stèidhichte ann an dùthaich eile anns an RA no ann an Èirinn, nochdaibh an ùidh agaibh, agus leigidh sibh fios thugaibh cho luath ‘s a bhios Cunntasan Blasaid rim faighinn san dùthaich agaibh.

A black woman with a learning disability admires a grand theatre.
Photos by Karol Wyszynski
Dè a gheibh sibh sa Chunntas Blasaid agaibh?
Togaibh am pròifil ruigsinneachd agaibh
Leanaibh am pròiseas ceum-air-cheum soilleir againn gus lèirmheas a dhèanamh air na ceumannan ruigsinneachd a tha sibh air cur an sàs mar-thà. Le bhith a’ cruthachadh pròifil ruigsinneachd, bheir seo cothrom dhuibh fèin-lèirmheas a dhèanamh air an ionad agaibh, a bhith a’ tuigsinn nan ullachaidhean ruigsinneachd làithreach agus a bhith comharrachadh far a bheil sibh airson barrachd a dhèanamh. Gabhaibh a’ chiad ceum gus obrachadh a-mach na tha ag obrachadh, dè dh’fhaodadh a bhith na b’ fheàrr, agus cruthaichibh plana gnìomh airson leasachadh.
Faighibh ro-shealladh air na h-eisimpleirean againn de Bhun-inbhean Ruigsinneachd
Thoiribh sùil air na ciad sreathan de bhun-inbhean ruigsinneachd airson cruthachalachd is cultar san RA agus Èirinn. Co-dhiù a tha sibh airson na goireasan taigh-beag ruigsinneach agaibh ùrachadh no a bhith a’ tuigsinn mar as urrainn do thrèanadh luchd-obrach cur ri misneachd agus conaltradh le daoine le ciorraman, bheir na Bun-inbhean againn stiùireadh soilleir is practaigeach dhuibh gus leasachaidhean a chur an sàs.
Bidh na Bun-inbhean a’ gabhail a-steach na leanas:
- An Àrainneachd Thogte
- Conaltradh Didseatach
- Fèin-fhiosraichean Cruthachail is Cultarach
- Seirbheisean Custamair
An uair ‘s gu bheil sibh air soidhneadh a-steach, faodaidh sibh Cunntas Blasaid na buidhne agaibh a chur air dòigh. Seo àite far am bi e comasach dhuibh, agus dhan sgioba agaibh, a bhith ag obair còmhla air All In. Nuair a tha seo air a chur a-steach, nì an sgioba againn lèirmheas air gus dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile rud mar as còir.
Na gabhaibh dragh, leigidh sinn fìos thugaibh nuair a tha sibh ullamh agus an uair sin, is urrainn dhuibh clàradh a-steach agus tòiseachadh!