Ceistean Cumanta
Rannsaich Goireasan Roinn
A bheil ceist agad? Is dòcha gu bheil sinn air freagairt a thoirt dha mu thràth. Thoir sùil air na ceistean cumanta againn gu h-ìosal.
Dè seòrsa feumalachdan ruigsinneach a bhios All Ina’ gabhail a-steach?
Tha sinn ag obair còmhla ris an roinn chruthachail is chultarail gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air an raon de thairgsean ruigsinneachd a tha rim faighinn. Tha fios againn gu bheil diofar chnapan-starra aig daoine ciorramach. Dh’fhaodadh na cnapan-starra seo a bhith a thaobh beachd, connaltradh, cùisean chorporra, sòisealta no ceangailte ri modhan-obrach. Tha sinn ag amas air taic a thoirt do bhuidhnean gus a h-uile cnap-starra neo-chuideachail a tha taobh a-staih an smachd a thoirt air falbh.
Dè an cosg a bhios aig a’ bhuidhean agam airson fo-sgrìobhadh gu All In?
Thèid All In a mhaoineachadh le cìs bhliadhnail, pàighte le buidhnean ballrachd. ’S e fo-sgrìobhadh beag a bhios ann agus stèidhichte air tionndadh. Tha sinn a’ cur crìoch air ìrean còmhlain agus cìsean agus leigidh sinn fiod dhut fada mus tèid a chuir air bhog.
Mar neach le feumalachdan ruigsinneachd, dè an cosg a bhios ann a bhith na bhall de All In?
Bidh ballrachd All In saor an asgaidh airson daoine B/bodhar, ciorramach agus niùro-iomsgarach.
Dè seòrsa buidhnean a gheibh taic bho All In?
Tha ar prìomh fòcas timcheall air taighean-cluiche, taighean-tasgaidh, gailearaidhean, ionadan ealain, taihean-dhealbh, ionadan ciùil, fèisean agus leabharlannan.
Ach, thèid All In a dhealbhachadh airson sreath fharsaing de bhuidhnean chruthachail agus chultarail. Gheibh buidheann sam bith a dh’fheumas tuigse fhaighinn air feumalachdan ruigsinneach an luchd-èisteachd aca gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ tabhann an fhàilte as fhèarr a tha comasach buannachd bho fo-sgrìobhadh do All In.
Bidh mi ag obair airson ionad beag le tionndadh beag. Am bi e comasach dhomh an fho-sgrìobhadh a phàigheadh?
Tha sinn ag amas air structar chìsean a chruthachadh a bheir taic do dhiofar mheudan agus sheòrsan bhuidhnean. Is e aon de na h-amasan aig All In an t-uallach rianachd air buidhnean cruthachail is cultarail a lughdachadh, agus mar sin dha mòran bhuidhnean dh’fhaodadh ballrachd cuideachadh le cosgaisean rianachd a lughdachadh.
Dè an cuideachadh a gheibh sinn ann a bhith a’ mìneachadh All In don luchd-ceannach againn?
Bidh sinn a’ leasachadh taic, trèanadh agus goireasan gus do fhèin agus don luchd-obrach agad chuideachadh All In a thuigsinn.
Nuair a bhios sinn nas fhaisge air an sgeama a chuir air bhog don mhòr-shluagh, cuiridh sinn a-mach pasganan margaidheachd a chuidicheas tu gus an sgeama a mhìneachadh don luchd-ceannach agad.
Bidh mi a’ siubhal dhan RA. Am bi e comasach dhomh All In a chleachdadh?
Faodaidh duine sam bith aig a bheil feumalachdan ruigsinneachd clàradh gu All In, ge bith càite san t-saoghal anns a bheil thu. Ma tha thu an làthair aig tachartas aig aon de na buidhnean ballrachd againn san RA bidh fàilte oirbh clàradh.
Ciamar a dh’obraicheas All In le sgeamaichean inntrigidh a th’ ann mar-thà neo solarachaidhean inntrigidh eile?
Tha sinn ag obair gu cruaidh gun solar a th’ ann mar-thà ath-chruthachadh, ach an-dràsta tha daoine le feumalachdan ruigsinneachd ag innse dhuinn gu bheil solar neo-chunbhalach agus mì-chòrdail.
Tha sinn ag aithneachadh agus a’ toirt taic don obair mhath a tha a’ dol air adhart san roinn mar-thà, agus mar sin tha sinn a’ cuimseachadh ar n-oidhirpean ann an àiteachan far a bheil beàrnan san t-solar no far a bheil feum aig an roinn air taic a bharrachd. Mar eisimpleir tha sinn a’ cruthachadh seata de inbhean le taic bhon roinn a bheir cunbhalachd air a bheil feum mòr.
Dè tha All In a’ ciallachadh airson àm ri teachd Hynt?
Tha sinn ag obair gu dlùth leis an sgioba Hynt agus ar com-pàirtichean aig Comhairle Ealain na Cuimrigh. Nì sinn tuilleadh fios sa bhliadhna ùir mu mar a dh’obraicheas Hynt agus an sgeama inntrigidh ùr còmhla ri chèile. An-dràsta, chan atharraich dad airson ionadan is luchd-cleachdaidh Hynt.
An robh daoine ciorramach an sàs ann an leasachadh All In?
Tha, tha All In air a stiùireadh le sgioba a tha air a stiùireadh le ciorram.
Bidh sinn a’ sireadh comhairle bho Bhuidheann Comhairleachaidh anns a bheil daoine D/bodhar, ciorramach agus niùro-iomsgarach. Bidh sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil ìre àrd de dheuchainnean luchd-cleachdaidh agus gnìomhachd buidhne fòcais ceangailte ris an leasachadh gu lèir. Bidh sinn cuideachd a’ frithealadh cho-labhairtean, seiminearan agus tachartasan san roinn chiorramaich gus am bi an fhios as ùire againn. Thèid All In a dhearbhadh gu cruaidh agus a leasachadh mar a thèid a sgaoileadh.
An robh ionadan agus buidhnean ealain an sàs ann an leasachadh All In?
Bha, mar a tha sinn air a bhith a’ leasachadh All In, tha sinn air rannsachadh a bharrantachadh gus na planaichean againn a dhearbhadh leis an roinn. Tha seo air leigeil leinn tuigse nas fheàrr fhaighinn air far a bheil an roinn a’ faicinn chothroman no chunnartan nar molaidhean agus far am faodadh barrachd taic a bhith a dhìth. Às deidh sin, tha sinn air Buidheann Comhairleachaidh Roinn a stèidheachadh a bhios a’ riochdachadh bhuidhnean aig diofar ìrean, àiteachan cruinn-eòlasach, agus diofar sheòrsaichean cruthachail is cultarail. Bidh iad gar cuideachadh gus na buannachdan agus na dùbhlain a thuigsinn mar a bhios All In a’ leasachadh. Bidh sinn cuideachd a’ frithealadh thachartasan, seiminearan agus cho-labhairtean mu choinneamh na roinne.
An robh solaraichean tiogaidean agus teignigeach iomchaidh eile an sàs ann an leasachadh All In?
Bha, tha sinn air a bhith ann an còmhraidhean le mòran sholaraichean tiogaidean is teignigeach a th’ ann mar-thà fhad ’s a bha iad a’ leasachadh an sgeama agus tha cumadh an sgeama air fiosrachadh fhaighinn bhon chomhairle a thug iad seachad.
Is e ar n-amas sgeama a leasachadh a bhios ag obair le uimhir de sholaraichean a tha ann mar-thà. Mar a leasaicheas sinn an teicneòlas air cùl an sgeama cumaidh sinn conaltradh fosgailte leis a’ phàirt seo den roinn againn.
Am bi e comasach dhomh gabhail ri All In às leth pàiste fo aois sia-deug?
Thèid All In a leasachadh gus leigeil le neach-dìon laghail a bhith ag obair às leth pàiste le feumalachdan ruigsinneachd. Buinidh am pròifil ruigsinneachd leis a’ phàiste, ach bidh e comasach dhut seo a riaghladh às an leth.
Aig an àm iomchaidh, bidh e comasach dhut smachd air a’ phròfil ruigsinneachd a thoirt don leanabh.
Am bi e comasach dhomh gabhail ri All In às leth inbheach so-leònte?
Thèid All In a leasachadh gus leigeil le neach-dìon laghail a bhith ag obair às leth inbheach so-leònte. Faodaidh neach-dìon laghail a bhith na bhall den teaghlach, neo ùghdarras ionadail. No is dòcha gu bheil co-luchd-dìon aig cuideigin.
Is dòcha gu bheil ùidh agad ann an…
Eòlaire taic
Cleachd am pasgan againn gus taic fhaighinn bho luchd-comhairle, luchd-obrach neo-cheangailte agus buidhnean ruigsinneachd bho air feadh na RA.
All In airson na Roinne
Bidh mi ag obair anns an roinn cruthchail agus cultarail agus tha mi airson ruigsinneachad a leasachadh.
Faigh a-mach mar a chuidicheas sinn thu gus ruigsinneachd san ionad agad a leasachadh.